Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
John Rhind

Tha a' bhodhaig màrmoir seo de dh'Iain Rhind sa Phrìomh Thalla ann an Taigh a' Bhaile Inbhir Nis.

Bha Iain Rhind, a rugadh mu 1836, ag obair na ailtire air a' Ghàidhealtachd airson còrr is deich bliadhna fichead. Fhuair e a chuid mhòr de dh'ionnsachadh ailtireachd ann an Glaschu far an robh buaidh mhòr aig Alasdair 'Greugach' MacThòmais air an obair aige. Airson ùine bha e na Iar Cheann-suidhe air Comann nan Ailtirean Òga ann an Glaschu.

Bha togalaichean Rhind dualtach a bhith ann an stoidhle Baranach Albananch. Dhealbhaich e Àird Mhairgidh, loidse mhòr seilge, dhan Ridire Iain Ramsden, a bha ainmeil mar 'Glenbogle', a bha na shuidheachadh airson sreath telebhisein bhon BhBC 'Monarch of the Glen'.

Am measg nan togalaichean eile aige tha Bun-sgoil a' Chrùin, Taigh-òsta Loch Àrdail agus Banca Shrath Chluaidh ann an Inbhir Nis, Eaglais na Paraiste an Iar ann an Cromba agus an Eaglais Shaor ann an Inbhir Pheofharain.

Chaidh Rhind gu Comhairle Baile Inbhir Nis ann an 1880 agus bha e na chomhairliche gu àm a bhàis. Chaidh a thaghadh mar Dheadhan a' Chomainn ann an 1884, far an robh e san dreuchd airson dà bhliadhna.

Bhàsaich Iain Rhind ann am Peairt air 11 Lùnastal 1889

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Iain Rhind

1880an

Taigh a' Bhaile Inbhir Nis; bodhaigean; ailtirean; togalaichean; Àird Mhairgidh; sreath telebhisein; Glen Bogle; Monarch of the Glen; Comhairle Baile Inbhir Nis; comhairlichean

Am Baile

Inverness Town House 2007