Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A bheil naidheachd bheag agad a tha a' sealltainn taobh 'daonna' a' chuspair speisealta agad? - Steve Murdoch
EXTERNAL ID
SGI_STEVE_MURDOCH_Q_04
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Steve Murdoch
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
39401
KEYWORDS
Do you have an anecdote which highlights the 'human' aspect of your specialist subject? - Steve Murdoch

Mar phàirt de Thilleadh Dhachaigh 2009, chaidh co-labhairt eadar-nàiseanta trì latha - Buaidh Chruinneil na h-Alba - a chumail ann an Taigh-chluiche Eden Court, Inbhir Nis, bho 22-24 Dàmhair. Thàinig sgoilearan, eachdraichean is eòlaichean eile còmhla gus deasbaireachd fhallain a bhrosnachadh mu eachdraidh imrich agus a' bhuaidh a bha aig muinntir na h-Alba thall-thairis.

Rinn Am Baile agallamhan le grunn luchd-labhairt rè na co-labhairt. San earrainn chlaistinnich seo, tha an Dr Steve Murdoch a' freagairt na ceiste:

"A bheil naidheachd bheag agad a tha a' sealltainn taobh 'daonna' a' chuspair speisealta agad fhèin?"

'Only to say that history seen in capacities other than the 'human' is particularly dry. History is about people, not institutions - and that is sadly forgotten.'

'S e Leughadair ann an Eachdraidh na h-Alba aig Oilthigh Chill Rìmhinn a th' ann an Dtr Steve Murdoch. Am measg ùidhean a rannsachaidh tha às-imrich o Bhreatainn san t-seachdamh linn deug agus a h-uile seòrsa eadar-ghnìomhachas eadar Alba thràth ùr-nodha agus an saoghal mòr. Tha e air mòran fhoillseachadh air a' chuspair sin agus am measg a phrìomh fhoillseachaidhean tha: 'Britain, Denmark-Norway and the House of Stuart 1603-1660' (East Linton: Tuckwell Press, 2000/2003) agus 'Network North: Scottish Kin Commercial and Covert Associations in Northern Europe, 1603-1746' (Leiden: Brill, 2006). Am measg a phrìomh chruinneachaidhean a tha deasaichte tha 'Scotland and the Thirty Years War, 1618-1648' (Leiden: Brill, 2001) agus còmhla ri Alexia Grosjean, 'Scottish Communities Abroad in the Early Modern Period' (Leiden: Brill, 2005). Cuideachd còmhla ri Alexia Grosjean tha e air an fhoillseachadh a fhuair cliù mòr a dhèanamh: 'Scotland, Scandinavia and Northern European Biographical Database.'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A bheil naidheachd bheag agad a tha a' sealltainn taobh 'daonna' a' chuspair speisealta agad? - Steve Murdoch

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

Am Baile

Scotland's Global Impact