Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Drochaid Shilgeachan, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
SLD_182_015
ÀITE
Sligeachan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
LINN
1960an
CRUTHADAIR
Olivia James
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
39460
KEYWORDS
drochaidean
Drochaid Telford
beinn
aibhnichean
Sligachan Bridge, Skye

Tha dà dhrochaid a-nis a' dol thairis air Abhainn Shligeachan faisg air Taigh-òsta Shligeachan san Eilean Sgitheanach. 'S e drochaid nua-aimsireil le rathad dùbailte a th' ann an aon dhiubh anns a bheil aon rèis agus tha i a' giùlan an A87, a' phrìomh rathad mòr tron Eilean Sgitheanach. 'S e drochaid tòrr nas aosta a th' anns an tèile a chithear san dealbh seo.

Bha trì boghachan anns an t-seann dhrochaid airson a dhol tarsainn na h-aibhne a tha a' giùlan tòrr uisge a tha a' sruthadh bho bheanntan a' Chuiltheann dhan mhuir ann an Loch Sligeachan. 'S dòcha gu bheil i a' dol air ais gu na 1820an nuair a bha Tòmas Telford a' dealbhachadh mòran thogalaichean agus structairean eile sa Ghàidhealtachd agus dh'fhaodadh gun do ghabh i àite tè fhiodha na b' aosta, no 's dòcha fadhail nàdarrach.

Tha Sligeachan suidhichte aig snaim-rathad cudromach far a bheil am prìomh rathad eadar Port Rìgh agus ceann a deas an eilein a' coinneachadh ris an rathad a Phort nan Long agus Dùn Bheagan air an oirthir an iar. B' e làrach margaidh chruidh riaghailteach a bh' ann agus tha taigh-seinnse air a bhith an seo airson linntean.

Tha an drochaid a' nochdadh ann an iomadh ìomhaigh de bheanntan A' Chuiltheann a th' ann an cùl an deilbh. Ach, an seo, tha meall mòr Mharsco (736m) a' faighilnn làmh an uachdair air an t-sealladh le a ghualainn follaiseach air fàire. Tha a' bheinn a' còrdadh gu mòr ri luchd-coiseachd agus luchd-sreap agus tha i furasta a ruighinn à Sligeachan. Chithear am frith-rathad a tha a' còrdadh ri mòran thar na drochaid agus tro Ghleann Sligeachan air taobh chlì an deilbh camara. Tha an t-slighe anns a bheil ochd mìle a' dol gu Loch Coir' Uisge agus Loch Sgàbhaig.

Tha pòla dealain air fìor làimh chlì an deilbh, aon de cheithir a bha daoine a' smaoineachadh a bha a' milleadh an t-seallaidh. Tha e cuideachd faisg air an làrach far a bheil ìomhaigh shnaighte de Thormod Collie agus Iain MacCoinnich, dà thùsaire sreap anns an Eilean Sgitheanach, gu bhith air a thogail. An dèidh beachdachadh leis a' bhuidheann coimhearsnachd a bha a' planadh an ìomhaigh shnaighte, ghluais Dealan a' Chinn a Deas na pòlaichean san t-samhradh 2009.

Olivia James

Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir.

Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drochaid Shilgeachan, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Bracadal

1960an

drochaidean; Drochaid Telford; beinn; aibhnichean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Olivia James Collection