Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Glas-pheighinn agus an Cuith-fhraing, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
SLD_182_027
ÀITE
Glasphein, Digg
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
LINN
1970an; 1980an
CRUTHADAIR
Olivia James
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
39472
KEYWORDS
cumadh-tìre
croitean
croitearachd
foghar
Brògaig
Glasphein and the Quiraing, Isle of Skye

Tha bailtean croitearachd Glas-pheighinn agus An Dìg suidhichte dìreach gu tuath air Stafainn. Tha iad air an lùghdachadh le làthaireach fìor mhòr A’ Cuidh-fhraing agus Druim Thròndairnis air an cùlaibh. Tha taobh an ear-thuath an Eilean Sgitheanaich air fad fo smachd Druim Thròndairnis, bearradh a chaidh a chruthachadh o chionn milleanan de bhliadhnaichean le obair bholcànach san sgìre. Fon chreag chruaidh a chaidh a chruthachadh le làbha tha crèadhan Iurasaig a tha air a bhith air am bleith mean air mhean agus mar sin ag adhbhrachadh am maoim-slèibhe as motha ann am Breatainn. Tha an Druim a’ ruith bho Beinn Dearg, faisg air Port Rìgh, gu Meall na Suireamach 29 km (18 mìle) gu tuath. Tha na seallaidhean iongantach agus gheibhear chun an druim ann an diofar àiteachan air fhad, nam measg sin aig A’ Chuidhe-fhraing far a bheil rathad singilte far an A855 a’ dol thar Rubha Thròndairnis à Stafainn gu Ùige air taobh siar an eilein.

Tha na coimhearsnachdan mun cuairt Stafainn fhathast daingeann sa Ghàidhlig nan cultar agus tha iad a’ cumail traidiseanan croitearachd a’ dol ri taobh obraichean nas ùr-ghnàthaiche. Than a taighean croite traidiseanta anns an robh ùrlar gu leth, cuid le mullaich de dh’iarann preasach, air an leidachadh no tha bungalothan agus taighean nas motha le uinneagan dùbailte nan sealladh cumanta sa choimhearsnachd.

Olivia James

Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir, agus tha iad a’ toirt sealladh aon neach den eilean tro lionsa a’ chamara. Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse.

Tha ‘Skye Magic’ air a ghabhail a-steach do a fèin-eachdraidh 'Neivie, Neivie, Nick, Nack' a tha i air a thoirt mar thabhartas do dhiofar ionadan, nam measg sin Leabharlann Chlann Dòmhnaill san Eilean Sgitheanaich, Leabharlann Mhitchell ann an Glaschu agus Taigh a’ Bhreabadair, Cill Bhearchain.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Glas-pheighinn agus an Cuith-fhraing, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Cille Mhoire

1970an; 1980an

cumadh-tìre; croitean; croitearachd; foghar; Brògaig

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Olivia James Collection