Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gràn air a bhuain ann an Cille Mhoire, An t-Eilean Sgitheanach

EXTERNAL ID
SLD_182_032
ÀITE
Cille Mhoire
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
LINN
1970an; 1980an
CRUTHADAIR
Olivia James
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
39477
KEYWORDS
croitean
croitearachd
croitearan
obair
àiteachas
adagan
sguaban
cruach-fheòir
Borgh na Sgiotaig
Harvested Grain at Kilmuir, Skye

Tha caoraich an-diugh ag ionalreadh anns na h-achaidhean eadar Cille Bhacastair agus Cille Mhoire ann an ceann a tuath an Eilein Sgiathanaich, agus tha taighean ùra sgapte am measg na taighean croite traidiseanta, agus tha na seallaidhean thar Rubha Borgh na Sgiotaig gun a h-Eileanan an Iar gun teagamh nam pàirt den tarraingeachd. Anns an dealbh-camara, tha greis de shìde mhath ’s dòcha air na adhbhar airson buain an fhoghair air a bhith soirbheachail, le feur ann an cruachan sgiobalta ri taobh nan taighean croite agus an coirce a’ tiormachadh sna h-achaidhean.

Anns na 1960an agus na 1970an bha tòrr coirce air fhàs air na croitean san sgìre seo agus uaireannan bhathas a’ tort iomradh air mar 'giornalair an Eilein Sgitheanaich’. Aon uair ’s gun robh iad air an drèanadh, bha na h-achaidhean fosgailte a’ fàighinn buannachd bho làithean fada samhraidh de ghrian agus gaoth thioram. Bhathas a’ cur a’ ghràin mar bu trice le làimh agus bha mòran den bhuain air a dhèanamh le speal gus an tàinig innealan buain cumhang ceangailte ri tractaran a-steach. Bha am bàrr a bha air a bhuain air a thionndadh le ràcan fiodha gus an tiormachadh dhèanamh na bu luaithe agus an uair sin air an cruachadh gus seo a dhèanamh. B’ e obair a dh’fheumadh tòrr eòlais agus cleachdadh a bh’ ann a bhith a’ ceangal na sguaban no na h-adagan gus an cumail nan àite. Bha na sguaban air an stòradh faisg air an taigh croite ann an sabhal no ann an lios dhìonta airson fodair geamhraidh nam beathaichean.

Tha cùisean air atharrachadh an-diugh agus tha feur agus biadh eile bheathaichean air an toirt bho tìr-mòr agus tha a’ chuid mhòr de na h-achaidhean sin a bha uair torrach air a dhol air ais gu cuilc agus luachair. ’S ann ainneamh an-diugh a chluinnear an traon a bha uair pailt anns an sgìre seo.

Olivia James

Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir, agus tha iad a’ toirt sealladh aon neach den eilean tro lionsa a’ chamara. Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse.

Tha ‘Skye Magic’ air a ghabhail a-steach do a fèin-eachdraidh 'Neivie, Neivie, Nick, Nack' a tha i air a thoirt mar thabhartas do dhiofar ionadan, nam measg sin Leabharlann Chlann Dòmhnaill san Eilean Sgitheanaich, Leabharlann Mhitchell ann an Glaschu agus Taigh a’ Bhreabadair, Cill Bhearchain.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gràn air a bhuain ann an Cille Mhoire, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Cille Mhoire

1970an; 1980an

croitean; croitearachd; croitearan; obair; àiteachas; adagan; sguaban; cruach-fheòir; Borgh na Sgiotaig

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Olivia James Collection