Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ball criutha, Caledonian Mac a’ Bhruthainn
EXTERNAL ID
SLD_182_035
ÀITE
Ùige
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS:Snìothasort
LINN
1970an; 1980an
CRUTHADAIR
Olivia James
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
39480
KEYWORDS
Caledonian Mac a’ Bhruthainn
aiseagan
ciutha aiseagan
seòladair
CalMac
Crew member, Caledonian MacBrayne

Bhruidhinn an neach togail-dhealbh ris a’ bhall de chriutha Chaledonian Mhic a’ Bhruthainn ’s dòcha tràth anns na 1970an ann an Ùige ann an ceann an iar-thuath an Eilean Sgitheanaich. Bha e ’s dòcha ag obair air bòrd aiseag ChalMac ‘Hebrides’ a bha a’ seòladh air an t-slighe thriantanach bho Ùige chun An Tairbeart anns Na Hearadh agus Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath.

B’ e an ‘Hebrides, an dàrna aiseag aig CalMac air an robh an t-ainm seo, a’ chiad bhàt’-aiseag chàraichean a chaidh a thogail a dh’ aon ghnothaich ann an iar-thuath na h-Alba. B’ urrainn dhith suas ri 600 neach-siubhal agus 50 càr a ghiùlain. Bha carbadan air an luchdachadh a’ cleachdadh rampaichean cumhachd gluasad uisgeach a leigeadh leis an t-soitheach docadh aig àm sam bith gur bith de an ìre aig an robh an làn. Thòisich na seòlaidhean riaghailteach aice dha Na Hearadh agus a Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath air 15 An Giblean 1964 agus lean sin airson faisg air 20 bliadhna, a’ dèanamh cinnteach gun robh spèis aig a luchd-siubhail riaghailteach dhith.

Olivia James

Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir, agus tha iad a’ toirt sealladh aon neach den eilean tro lionsa a’ chamara. Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse.

Tha ‘Skye Magic’ air a ghabhail a-steach do a fèin-eachdraidh 'Neivie, Neivie, Nick, Nack' a tha i air a thoirt mar thabhartas do dhiofar ionadan, nam measg sin Leabharlann Chlann Dòmhnaill san Eilean Sgitheanaich, Leabharlann Mhitchell ann an Glaschu agus Taigh a’ Bhreabadair, Cill Bhearchain.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ball criutha, Caledonian Mac a’ Bhruthainn

INBHIR NIS:Snìothasort

1970an; 1980an

Caledonian Mac a’ Bhruthainn; aiseagan; ciutha aiseagan; seòladair; CalMac

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Olivia James Collection