Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Camus Lusta agus Steinn, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
SLD_182_043
ÀITE
Camus Lusta, Steinn
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1970an; 1980an
CRUTHADAIR
Olivia James
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
39488
KEYWORDS
oirthir, Bhatairnis, taigheadas
seallaidhean
lochan mara
bailtean
seallaidhean-tìre

Camuslusta and Stein, Isle of Skye

Grunnan thaighean gealaichte aig oir Lusta, cladach Bàgh an Locha. Tha baile Steinn anns an t-òb fasgach nas fhaide air adhart. Tha Rubha Bhatairnis san Eilean Sgitheanacj a‘ stobadh a-mach dhan Chuan Sgith le Loch Dùn Bheagan chun an iar agus Loch Snìothasort chun an ear. Tha an sgìre air linntean de dh’ùpraid fhaicin a bha air a chruthachadh le ainmhreitean eadar cinnidhean, muirt fhuilteach agus fàsachadh air sgàth am Fuadaichean.

Bha dùil gum biodh Steinn air a dhèanamh ann am Baile Iasgaich air a phlanadh le Comunn Iasgaich Bhreatainn agus chaidh dealbhan mionaideach air a shon a dhèanamh le Tòmas Telford ann an 1790 anns an robh eaglais nuadh-chlasaigeach, taigh-sgoile, sreathan de thaighean agus fiù 's easan-spùtaidh. Cha tàinig am plana gu buil, mar thoradh air, ann am pàirt, eaconamaidh lag an Eilein, an droch ghnàth-shìde agus cho mì-chinnteach 's a bha na sgaothan sgadain. Chaidh dhà no trì de na togalaichean a thogail ach chan eil sa bhaile an-diugh ach sreath bhriste de thaighean a' leantainn na tràghad, nam measg an taigh-seinnse air a thogail le Dòmhnall MacIllEathain ann an 1800.

Olivia James

Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir, agus tha iad a’ toirt sealladh aon neach den eilean tro lionsa a’ chamara. Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse.

Tha ‘Skye Magic’ air a ghabhail a-steach do a fèin-eachdraidh 'Neivie, Neivie, Nick, Nack' a tha i air a thoirt mar thabhartas do dhiofar ionadan, nam measg sin Leabharlann Chlann Dòmhnaill san Eilean Sgitheanaich, Leabharlann Mhitchell ann an Glaschu agus Taigh a’ Bhreabadair, Cill Bhearchain.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Camus Lusta agus Steinn, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

1970an; 1980an

oirthir, Bhatairnis, taigheadas; seallaidhean; lochan mara; bailtean; seallaidhean-tìre

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Olivia James Collection