Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A’ toirt bogsaichean èisg bho Bhàt’-iasgaich.
EXTERNAL ID
SLD_182_045
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1980an
CRUTHADAIR
Olivia James
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
39490
KEYWORDS
bàtaichean-iasgaich
tràlairean
laimrigean
cidheachan
dreuchdan
iasgairean
Unloading fish boxes from a Fishing Boat

Tha bogsaichean èisg gan toirt far deic bàt’-iasgaich chun a’ chidhe,’s dòcha ann am Port Rìgh san Eilean Sgitheanach. Tha iasgach an còmhnaidh air a bhith cudromach dhan eilean, a’ toirt sàr stòr bìdhe ann an ceàrnaidh far nach b’urrainn dha earbsa a bhith ann am bàrr àitich daoannan. Bha e a’ toirt obair air an robh tòrr feum dha mòran fhireanaich agus cuid de bhoireannaich.

Tha cunntasan iasgaich a’ sealltainn gur e an sgadan an t-iasgach bu chudromaiche san Eilean Sgitheanach chun a’ Chiad Chogadh, ged a dh’fhaodadh an toradh atharrachadh gu mòr bho bhliadhna gu bliadhna. Bha cuideachd iasgach mhalairteach de bhradan, trosg agus langa agus gu ìre na bu lughe, de ghiomaich ann. Tha a’ cheart cho dòcha gu bheil bàtaichean aig a’ chidhe ann am Port Rìgh an-diugh an sàs ann an turasachd cho math ri iasgach, a’ toirt lucd-turais air turais a dh’fhaicinn Iolairean Mara agus fiadhbheatha eile cuide ri bhith a’ glacadh beagan èisg.

Olivia James

Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir, agus tha iad a’ toirt sealladh aon neach den eilean tro lionsa a’ chamara. Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse.

Tha ‘Skye Magic’ air a ghabhail a-steach do a fèin-eachdraidh 'Neivie, Neivie, Nick, Nack' a tha i air a thoirt mar thabhartas do dhiofar ionadan, nam measg sin Leabharlann Chlann Dòmhnaill san Eilean Sgitheanaich, Leabharlann Mhitchell ann an Glaschu agus Taigh a’ Bhreabadair, Cill Bhearchain.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A’ toirt bogsaichean èisg bho Bhàt’-iasgaich.

INBHIR NIS: Port Rìgh

1980an

bàtaichean-iasgaich; tràlairean; laimrigean; cidheachan; dreuchdan; iasgairean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Olivia James Collection