Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais Naomh Moire, Cladh Cille Mhoire, Dùn Bheagan, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
SLD_182_046
ÀITE
Dùn Bheagan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1970an; 1980an
CRUTHADAIR
Olivia James
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
39491
KEYWORDS
Ealais an Naomh Moire, Cille Mhoire
tobhta eaglaise
eaglaisean
cladhan
liosan eaglaise
Clann MhicLeòid
St Mary's, Kilmuir Churchyard, Dunvegan, Skye

Tha deit 1694 os cionn an inntrigeadh a tuath do thobhta na h-eaglais seo gun mhullach, a tha an-diugh air a neartachadh. Tha i suidhichte ann an Cille Mhoire air iomall baile Dhùn Bheagain an-diugh, anns an Eilean Sgitheanach agus tha coisrigeadh don Naomh Moire fhathast follaiseach anns an dà chuid ainm a’ bhaile agus a’ chladh.

Tha an cladh le a bhallachan rongais (dìreach rim faicinn air taobh chlì an deilbh-camara) a’ dol air ais gu 1735. B’ e eaglais pairiste Dhiùirinis a bha an seo aig aon àm, agus chan e a-mhàin gu bheil cuid de chinn-cinnidh Chlann MhicLeòid air an adhlacadh anns an trannsa a tuath agus anns an seansail, ach tha ginealaichean de phìobairean dùthchasach a’ Chinnidh, Clann MhicChruimein, nan sìneadh sa chladh. Tha liagan ashlar nas tràithe anns an 18mh linn a’ cuimhneachadh air a’ Mhorair Tòmas Friseal, agus tha clachan-uaighe snaighte agus leacan bhon 18mh linn suidhichte sa bhalla mun cuairt na h-eaglaise.

Olivia James

Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir, agus tha iad a’ toirt sealladh aon neach den eilean tro lionsa a’ chamara. Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse.

Tha ‘Skye Magic’ air a ghabhail a-steach do a fèin-eachdraidh 'Neivie, Neivie, Nick, Nack' a tha i air a thoirt mar thabhartas do dhiofar ionadan, nam measg sin Leabharlann Chlann Dòmhnaill san Eilean Sgitheanaich, Leabharlann Mhitchell ann an Glaschu agus Taigh a’ Bhrebadair, Cill Bhearchain.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais Naomh Moire, Cladh Cille Mhoire, Dùn Bheagan, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

1970an; 1980an

Ealais an Naomh Moire, Cille Mhoire; tobhta eaglaise; eaglaisean; cladhan; liosan eaglaise; Clann MhicLeòid

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Olivia James Collection