Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taobh a-staigh Eaglais Naomh Moire, Cille Mhoire, Dùn Bheagan, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
SLD_182_047
ÀITE
Dùn Bheagan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1970an; 1980an
CRUTHADAIR
Olivia James
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
39492
KEYWORDS
Clann MhicLeòid
MacLeòid
carraighean-cuimhne dealbh-bhalla
cladhan
eaglaisean
tobhta eaglaise
Interior of St Mary's Church, Kilmuir, Dunvegan, Skye

Bho 1835, tha àite adhlacaidh Cinn-cinnidh Chlann MhicLeòid air a bhith taobh a-staigh tobhta Caibeal Naomh Moire ann an Cille Mhoire san Eilean Sgitheanach. Mus deach an 24mh ceann-cinnidh Iain Tormad MacLeòid adhlacadh, bhite ag adhlachadh cheann-cinnidh Chlann MhicLeòid ann an Roghadal sna Hearadh. Bha Tormod MacLeòid, a bhean Anna, agus a nighean Emily - na h-eachdraiche Gàidhlig ainmeil - uile gu mòr an sàs ann am beatha baile Dhùn Bheagain agus bha iad an urra ris na h-atharraichean mòra air a' Chaisteal, agus mar sin bha e iomchaidh gun deigheadh an adhlachadh faisg air Dùn Bheagan fhèin. Bhon seo a-mach, thathas air an 25mh Ceann-cinnidh Tormod, a mhac Ruairidh, an 26mh Ceann-cinnidh Tormod Mànus, an 27mh Ceann-cinnidh Reginald, an 28 Ceann-cinnidh a' Bhaintighearna Flòraidh, agus anns a' Ghearran 2007, an 29mh Ceann-cinnidh Iain MacLeòid uile adhlachadh an seo.

Tha deit 1694 os cionn an inntrigeadh a tuath do thobhta na h-eaglais seo gun mhullach, an-diugh air a neartachadh, agus tha an coisrigeadh don Naomh Moire fhathast follaiseach anns an dà chuid ainm a’ bhaile agus a’ chladh. B’ e eaglais pairiste Dhiùirinis a bha an seo aig aon àm, agus chan e a-mhàin gu bheil cuid de chinn-cinnidh Chlann MhicLeòid air an adhlacadh anns an trannsa a tuath agus anns an seansail, ach tha ginealaichean de phìobairean dùthchasach a’ Chinnidh, Clann MhicChruimein, nan sìneadh sa chladh. Tha liagan ashlar nas tràithe anns an 18mh linn a’ cuimhneachadh air a’ Mhorair Tòmas Friseal, agus tha clachan-uaighe snaighte agus leacan bhon 18mh linn suidhichte sa bhalla mun cuairt na h-eaglaise.

Olivia James

Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir, agus tha iad a’ toirt sealladh aon neach den eilean tro lionsa a’ chamara. Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse.

Tha ‘Skye Magic’ air a ghabhail a-steach do a fèin-eachdraidh 'Neivie, Neivie, Nick, Nack' a tha i air a thoirt mar thabhartas do dhiofar ionadan, nam measg sin Leabharlann Chlann Dòmhnaill san Eilean Sgitheanaich, Leabharlann Mhitchell ann an Glaschu agus Taigh a’ Bhreabadair, Cill Bhearchain.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taobh a-staigh Eaglais Naomh Moire, Cille Mhoire, Dùn Bheagan, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

1970an; 1980an

Clann MhicLeòid; MacLeòid; carraighean-cuimhne dealbh-bhalla; cladhan; eaglaisean; tobhta eaglaise

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Olivia James Collection