Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Muilinn Ghlinn Dail a’ sealltainn slugan-muilne & roth
EXTERNAL ID
SLD_182_051
ÀITE
Gleann Dail
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1970an; 1980an
CRUTHADAIR
Olivia James
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
39496
KEYWORDS
muilnean coirce
muilnean uisge
muilinn-uisge Ghlinn Dail
Muilinn Ghlinn Dail
dreuchdan
muilinn gràin
Glendale Mill showing lade & wheel

Tha a’ mhuilinn-coirce cumhachd-uisge ann an Gleann Dail suidhichte air cladach a deas Loch Poll Til air taobh an iar an Eilean Sgitheanaich, faisg air beul Abhainn Hamara. Nì anasach a mhair bho mheadhan an 18mh linn, bha a’ mhuilinn a’ toirt uisge bhon allt beag gus roth iarainn sruth-thairis air a’ ghèibhil a deas air taobh chlì an togalaich a thionndadh. Ri taobh na muilne tha taigh àtha far an robh an gràn air a thiormachadh mus deigheadh a bhleith. ’S dòcha gun robh a’ mhuilinn air a togail le uachdaran na sgìre gus gràn a bha bha air a chur anns an sgìre a bhleith. Chan fhaodadh daoine am bràthan no an an clachan-muilinn fhèin a chumail agus mar sin bhathas a’ dèanamh cinnteach gun robh min agus coice air a bhleith ri thighinn bho mhuilinn an uachdarain. Tha meud beag na muilne a’ sealltainn cha beag ’s a bha de thalamh àitich san nàbachas ged a dh’fhaodadh gràn a bhith air a thoirt a-steach air bàta à àiteachan eile cuideachd.

Bha mullach tughaidh air a’ mhuilinn bho thùs ach chaidh mullach sglèata a chur oirre mu 1914. Tha an dealbh-camara a’ sealltainn an togalach an dèidh dèanamh suas às ùr gu mòr ann an 1972. Bha seo a’ gabhail a-steach tughadh connlaich agus innealan muilne mac-samhlachaidh le paidhir chlachan bho Mhuilinn Raoghard ann an Cataibh. Bha an togalach air a dhèanamh suas às ùr, air mhàl bho Oighreachd Glinn Dail, a’ tarraing mòran luchd-tadhail airson greis ach chaidh a staid bhuaithe cho mòr agus thuit am mullach tughaidh ann an 2009. O chionn ghoirid, tha mullach ùr air a bhith air a chur air na togalaichean agus tha an Oighreachd a’ togail maoin airson dèanamh suas às ùr slàn eile.

Olivia James

Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir, agus tha iad a’ toirt sealladh aon neach den eilean tro lionsa a’ chamara. Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse.

Tha ‘Skye Magic’ air a ghabhail a-steach do a fèin-eachdraidh 'Neivie, Neivie, Nick, Nack' a tha i air a thoirt mar thabhartas do dhiofar ionadan, nam measg sin Leabharlann Chlann Dòmhnaill san Eilean Sgitheanaich, Leabharlann Mhitchell ann an Glaschu agus Taigh a’ Bhreabadair, Cill Bhearchain.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Muilinn Ghlinn Dail a’ sealltainn slugan-muilne & roth

INBHIR NIS: Diùirinis

1970an; 1980an

muilnean coirce; muilnean uisge; muilinn-uisge Ghlinn Dail; Muilinn Ghlinn Dail; dreuchdan; muilinn gràin

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Olivia James Collection