Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-dubh Chealaboist, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
SLD_182_054
ÀITE
Cealabost
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1970an; 1980an
CRUTHADAIR
Olivia James
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
39499
KEYWORDS
Taigh-tasgaidh Dualchais Chealaboist
taigh-dubh
taigh croite
croitearachd
grùdaireachd
stailean uisge-beatha
tughadh
taigh-tughaidh
mullaichean tughaidh
Colbost Black House, Isle of Skye

Tha an duine aig an neach-togail dhealbh, Ridseard James, san dealbh aig doras togalach tughaidh anns a bheil stail uisge-beatha mì-laghaiI, ma fhìor. ’S e aon de na togalaichean a tha a’ dèanamh suas anns an tagh-tasgaidh a-muigh a tha suidhichte ann an Cealabost san Eilean Sgutheanach a dh’fhosgail ann an 1969.

Tha am facal ‘whisky’ a’ tighinn bhon Ghàidhlig ‘uisge-beatha’. Bha mòran Ghàidheil a’ grùdaireachd uisge-beatha aig an taigh bho eòrna air a bhrachadh. Bhathar a' meas a chuid blàths feumail ann an dùthaich fhuar, is bha e air a chleachdadh mar chungaidh-leighis is fiù 's mar phràmhan (anaesthetic). Tràth a nns an 18mh linn, chuir an riaghaltas cìs air uisge-beatha agus chaidh ìre na cìse suas gu riaghailteach thar nam bliadhnachan. Cha robh e furasta seo a thoirt gu buil ann an àiteachan iomallach mar a' Ghaidhealtachd ach, a dh'aindeoin seo, bhiodh na maoir-cìse is na staileadairean no na cùl-mhùtairean a bha a’ dèanamh uisge-beatha mì-laghail a' tachairt air a chèile uaireannan is a' sabaid gu borb.

Ann an 1823 chaidh Achd na Cìs-bathair aontachadh. Stèidhich e cìsean aig inbhe a bha a' dèanamh fìor ghnìomhachais de staileadaireachd, is a' dèanamh airgid dhan riaghaltas. Thug seo sìos àireamh nan stailean mì-laghail gu mòr.

Olivia James

Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir, agus tha iad a’ toirt sealladh aon neach den eilean tro lionsa a’ chamara. Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse.

Tha ‘Skye Magic’ air a ghabhail a-steach do a fèin-eachdraidh 'Neivie, Neivie, Nick, Nack', a tha air a chlò bhualadh gu prìobhaiseach, agus a tha i air a thoirt mar thabhartas do dhiofar ionadan, nam measg sin Leabharlann Chlann Dòmhnaill san Eilean Sgitheanaich, Leabharlann Mhitchell ann an Glaschu agus Taigh a’ Bhreabadair, Cill Bhearchain.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-dubh Chealaboist, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

1970an; 1980an

Taigh-tasgaidh Dualchais Chealaboist; taigh-dubh; taigh croite; croitearachd; grùdaireachd; stailean uisge-beatha; tughadh; taigh-tughaidh; mullaichean tughaidh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Olivia James Collection