Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Roile Clò, Port nan Long, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
SLD_182_056
ÀITE
Port nan Long
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1970an; 1980an
CRUTHADAIR
Olivia James
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
39501
KEYWORDS
Clò Hearach
clò Port nan Long
breabadaireachd
aodach
dreuchdan
Roll of Tweed, Portnalong, Isle of Skye

Tha an duine aig an neach-togail dhealbh, Ridseard James a’ gabhail meas ann an inbhe pìos clò a chaidh fhighe le Eoghainn Maceòid à Port nan Long san Eilean Sgitheanach. B’ e breabadair sgileil a bh’ ann am Mgr MacLeòid agus bhuannaich e grunnan dhuaisean airson obair aig taisbeanaidhean ann an Glaschu.

Tha fighe air a bhith ann an caidreachas ri Port nan Long bho dìreach an dèidh a’ Chiad Chogadh nuair a fhuair Roinn an Àiteachais am fearann. Ann an 1923 ghluais grunnan theaghlaichean an sin à Leòdhas, Na Hearadh agus Scalpaigh anns an robh sluagh ro mhòr, gu fearann na bu torraiche air cladach an iar Loch Hàrport. Fhuair gach teaghlach 15-20 acair, 3 mairt, agus roinn de dh'ionaltradh anns an robh 4000 acair air fad. Fhuair iad cuideachd taigh de dh’iarann preasach agus seada anns an cumadh iad beairt. B’ e breabadairean a bh’ anns a’ mhòr-chuid de na daoine agus le bhith a’ co-obrachadh croitearachd iasgach agus breabadaireachd fhuair iad air piseach a thoirt air am beòshlaint.

Olivia James

Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir, agus tha iad a’ toirt sealladh aon neach den eilean tro lionsa a’ chamara. Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse.

Tha ‘Skye Magic’ air a ghabhail a-steach do a fèin-eachdraidh 'Neivie, Neivie, Nick, Nack', a tha air a chlò bhualadh gu prìobhaiseach, agus a tha i air a thoirt mar thabhartas do dhiofar ionadan, nam measg sin Leabharlann Chlann Dòmhnaill san Eilean Sgitheanaich, Leabharlann Mhitchell ann an Glaschu agus Taigh a’ Bhreabadair, Cill Bhearchain.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Roile Clò, Port nan Long, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

1970an; 1980an

Clò Hearach; clò Port nan Long; breabadaireachd; aodach; dreuchdan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Olivia James Collection