Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Croitear le Cruach Mhònadh, Port nan Long, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
SLD_182_058
ÀITE
Port nan Long
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
LINN
1970an; 1980an
CRUTHADAIR
Olivia James
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
39503
KEYWORDS
poll-mònadh
mòine
croitearachd
buain mhònadh
Crofter with Peat Stack, Portnalong, Skye

Tha croitear, Mgr MacLeòid à Port nan Long, air oirthir an iar An Eilean Sgitheanaich, a’ dèanamh cinnteach à staid na mònadh gus faicinn a bheil iad tioram gu leòr airson an toirt dhachaigh.

Tha mòine air a cruthachadh thar linntean bho lusan a tha air lobhadh gu ìre ann an suidheachaidhean fliuch searbhagach, agus an suthan air a bhruthadh sìos le a chuideam agus a thaiseachd fhèin agus mu dheireadh tha e air a dhèanamh gualanach gu ìre. Ged nach fhàs puill-mhòna ach mu 0.5mm sa bhliadhna, dh'fhaodadh iad a bhith suas ri 10 meatairean de dhoimhne mu dheireadh thall.

B' e mòine an aon chonnadh a bha ann an sgìrean far nach robh coilltean no sgru-imbean agus bha i air a cleachdadh air feadh Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba. Tha na puill-mhònaidh glè thric astar bho dhachaighean nan croitear agus feumar oidhirp shaothrachail airson fadan gu leòr a sheasas tron gheamhradh a bhuain. Chleachdadh taigh croite a bha an urra ri mòine a-mhàin airson connadh eadar 15,000 agus 18,000 fad gach bliadhna.

Tha buain a’ tòiseachadh as t-earrach agus a’ chuid as fheàrr den tiormachadh fhaighinn as t-samhradh. Tha pìosan ann an cumadh breige air am buain às a’ pholl-mhònadh a’ cleachdadh spaid, a tha tric air a dèanamh aig an taigh, agus an uair sin tha iad air an sgaoileadh airson tiormachadh. Tha mòine air a dèanamh suas de 90% uisge’s mar sin feumar a fàgail a’ drèanadh agus a’ tiormachadh gu ìre faisg air far an deach a buain gus an cuideam a lùghdachadh. Bha an dòigh fhèin aig gach sgìre, agus uaireannan teaghlach, air a’ mhòine a thiormachadh. Uaireannan bha ceithir air an cuir còmhla le dhà eile air am muin, uaireannan trì mar theanta. An dèidh beagan sheachdainnean, a-rèir an t-sìde, bha a’ mhòine a b’ aotroime agus bu chruaidhe air a toirt chun na croite far am biodh iad air an togail gu grin nan cruachan mòra, cuid dhiubh anns an robh dà mheatair a dh’àirde, agus a bha deilbhte gus seasamh ri stoirmean agus an t-uisge a chumail a-mach.

Olivia James

Tha na h-ìomhaighrean anns a' chruinneachadh seo bho sheat de shlaighdean Agfachrome de inbhe àrd a chaidh a thogail le Olivia James. Thog a' Bh-ph James, neach-togail-dhealbh letheach-proifeiseanta, na deilbh camara air turais dhan Eilean Sgitheanach eadar 1968 agus 1989 a' cleachdadh Camara Pentax S1A agus film CT18. Tha iad a' clàradh diofar àiteachan, daoine agus gnìomhan a tha an-diugh air atharrachadh no, ann an cuid de shuidheachaidhean, air a dhol à bith uile gu lèir, agus tha iad a’ toirt sealladh aon neach den eilean tro lionsa a’ chamara. Rugadh i ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù air 26 An Giblean 1932 agus ghluais Olivia Grace James (Purcell mus do phòs i) a Shasainn ann an 1944. Rinn i trèanadh mar thidsear agus phòs i Ridseard James ann an 1956. Bha sinnsirean an duine aice às an Eilean Sgitheanach agus thòisich iad air turais riaghailteach dhan eilean ann an 1968. A thuilleadh air na slaighdean, tha Bh-ph James air cunntas a sgrìobhadh mu a cuimhneachain air na turais sin air an tug i 'Skye Magic'. Tha leth-bhreac den seo air a chumail ann an Ionad Tasglann An Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse.

Tha ‘Skye Magic’ air a ghabhail a-steach do a fèin-eachdraidh 'Neivie, Neivie, Nick, Nack', a tha air a chlò bhualadh gu prìobhaiseach, agus a tha i air a thoirt mar thabhartas do dhiofar ionadan, nam measg sin Leabharlann Chlann Dòmhnaill san Eilean Sgitheanaich, Leabharlann Mhitchell ann an Glaschu agus Taigh a’ Bhreabadair, Cill Bhearchain.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Croitear le Cruach Mhònadh, Port nan Long, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Bracadal

1970an; 1980an

poll-mònadh; mòine; croitearachd; buain mhònadh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Olivia James Collection