Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Inverness Town House - Regimental Colours 1

Tha na dathan seo crochte sa Phrìomh Thalla ann an Taigh a' Bhaile Inbhir Nis. Is iad, bho chlì gu deas, bratach rèiseamaideach nan Gàidheal, bratach Meur Inbhir Nis de Chomann nan Old Contemptibles, bratach Meur Siorrachdan na Gàidhealtachd de Chomann Rionnag Bhurma agus bratach nan Gunnairean Gàidhealach.

Chaidh na Gàidheil a chur air bhonn air an t-17mh Sultain 1994 an dèidh amalachadh Camshronaich na Banrigh agus na Gòrdanaich. Bha a' bhratach seo air a cabar os cionn àite-còmhnaidh na rèiseamaid fhad 's a bha iad air chuairt ann an Èirinn a Tuath ann an 1998. Is e rèiseamaid ionadail a th' anns na Gàidheil a bhios a' togail à Ceann a Tuath agus an Ear-thuath na h-Alba. Tha an taigh-tasgaidh rèiseamaideach stèidhichte aig Gearastan Dheòrsa, an ear air Inbhir Nis.

B' e Old Contemptibles an t-ainm a chaidh a thoirt dha seann shaighdearan an airm stèidhte a bha a' sabaid sa Chiad Chogadh Mhòr agus a choisinn Rionnag Mons airson seirbheis anns an Fhraing agus sa Bheilg eadar 5mh Lùnastal agus 22ra Samhain 1914. Thug an Kaiser Uilleam iomradh air Feachdan Bhreatainn a' tighinn chun na crìch an iar mar 'arm beag suarach', agus às an sin thàinig an t-ainm Na Contemptibles. B' e sin far-ainm a bha na fir toilichte gabhail ris. Chaidh bratach Meur Inbhir Nis de Chomann nan Old Contemptibles a thoirt dha Borgh Rìoghail Inbhir Nis air 4mh Cèitean 1953 airson tèarainteachd.

Bha buill de Chomann Rionnag Bhurma a' sabaid an aghaidh nan Iapanach bho 1941-45. Chaidh bratach Meur Siorrachdan na Gàidhealtachd de Chomann Rionnag Bhurma a choisrigeadh air 29mh Giblean 1962. Air 20mh Lùnastal 2002 chaidh a' bhratach a thasgadh ann an Taigh a' Bhaile.

Tha an 19mh Rèiseamaid den Làmhachas Rìoghail, na Gunnairean Gàidhealach, gu h-àbhaisteach air an togail às a' Ghàidhealtachd 's às na h-Eileanan. Chaidh a' bhratach seo a chur thairis air stèidhean ghunnachan na rèiseamaid a chaidh a chleachdadh ann am Malpolje, Mount Igam aig àm Chogadh Bhosnia. Rè na h-ama sin loisg an rèiseamaid 487 cuairtean de chonnadh làmhaich air Arm Searbaich Bhosnia a bha mu thimcheall baile mòr Sarejvo. Mar thoradh air a' ghnìomh seo chaidh an t-sèist a thogail agus mu dheireadh thall chaidh aontachadh ri cùmhnant sìth. Fhuair na Gunnairean Gàidhealach Saorsa Baile Inbhir Nis air 10mh Màrt 1999. Rinn an rèiseamaid caismeachd tron bhaile agus chaidh an nochdadh urraim a ghabhail leis a' Phròbhaist Ailean Sellar, Am Marasgal Raoin an Ridire Vincent agus Morair Leifteanant Inbhir Nis, An Ridire Gray à Cunndainn

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh a' Bhaile Inbhir Nis - Dathan Rèiseamaid 1

Taigh a' Bhaile Inbhir Nis; flagaichean; brataichean; rèiseamaidean; dathan; Gàidheil; Gunnairean; Suaraich; Camshronaich na Banrigh; Gòrdanaich; Rionnag Bhurma; Làmhachas Rìoghail; caismeachdan; Pròbhaistean; Ailean Sellar; Morair Leifteanantan

Am Baile

Inverness Town House 2007