Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Buill a' Chlub bhobhlaireachd a-muigh, Am Blàr Dubh
EXTERNAL ID
THCCP_DINGWALL_BOWLS
ÀITE
Am Blàr Dubh
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Urrath
DEIT
2004
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Alexander Collett
NEACH-FIOSRACHAIDH
Highland Community Planning & Resources Project
AITHNEACHADH MAOINE
39950
KEYWORDS
bailtean beaga
rathaidean-iarainn
clubaichean
bobhlaireachd
Outdoor Bowling Club Members, Muir of Ord

Tha an dealbh seo a' sealltainn buill a' Chlub bhobhlaireachd a-muigh anns a' Bhlàr Dhubh, Siorrachd Rois. Chaidh a thogail anns an Lùnastal 2004 le Alasdair Collett mar phàirt den phròiseact 'Make the Muir Matter' a bha na innleachd planaidh choimhearsnachd air a stiùireadh le muinntir a' bhaile le taic bho Highland Wellbeing Alliance: Highland's Community Planning Partnership.

Tha Am Blàr Dubh trì mìle taobh tuath air A' Mhanachainn agus 14 mìle taobh an iar-thuath air Inbhir Nis. Dh'fhàs am baile, air an robh an t-ainm Tarbhdal aig aon àm, gu mòr tron 19mh linn air sàilleabh an taigh-staile agus còmhdail air rathaidean agus rathaidean-iarainn. Chaidh stèisean-rèile a thogail aig Tarbhdal ann an 1862 mar phàirt de Rathad-iarainn Inbhir Nis agus Siorrachd Rois. Ach, dh'atharraich companaidh an rathad-iarainn ainm an stèisein gu Am Blàr Dubh an dèidh nam fèillean cruidh a bha a' gabhail àite mu mhìle bhon a' bhaile. Beag air bheag thàinig an t-ainm Am Blàr Dubh an àite Tarbhdal gus an do dh'fhalbh e buileach.

Airson mòran bhliadhnaichean bha am baile air rathad an A9 gu tuath bho Inbhir Nis ach dh'atharraich seo nuair a chaidh Drochaid Cheiseig air a thogail ann an 1982. An-diugh, ged a tha am baile beag nas sàmhachaiche, 's e turasachd, an taigh-staile agus togail a tha fhathast nam prìomh ghnìomhachasan anns A' Bhlàr Dhubh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Buill a' Chlub bhobhlaireachd a-muigh, Am Blàr Dubh

ROS: Urrath

2000an

bailtean beaga; rathaidean-iarainn; clubaichean; bobhlaireachd

Highland Community Planning & Resources Project

Make the Muir Matter - Photographs of Muir of Ord

Tha an dealbh seo a' sealltainn buill a' Chlub bhobhlaireachd a-muigh anns a' Bhlàr Dhubh, Siorrachd Rois. Chaidh a thogail anns an Lùnastal 2004 le Alasdair Collett mar phàirt den phròiseact 'Make the Muir Matter' a bha na innleachd planaidh choimhearsnachd air a stiùireadh le muinntir a' bhaile le taic bho Highland Wellbeing Alliance: Highland's Community Planning Partnership.<br /> <br /> Tha Am Blàr Dubh trì mìle taobh tuath air A' Mhanachainn agus 14 mìle taobh an iar-thuath air Inbhir Nis. Dh'fhàs am baile, air an robh an t-ainm Tarbhdal aig aon àm, gu mòr tron 19mh linn air sàilleabh an taigh-staile agus còmhdail air rathaidean agus rathaidean-iarainn. Chaidh stèisean-rèile a thogail aig Tarbhdal ann an 1862 mar phàirt de Rathad-iarainn Inbhir Nis agus Siorrachd Rois. Ach, dh'atharraich companaidh an rathad-iarainn ainm an stèisein gu Am Blàr Dubh an dèidh nam fèillean cruidh a bha a' gabhail àite mu mhìle bhon a' bhaile. Beag air bheag thàinig an t-ainm Am Blàr Dubh an àite Tarbhdal gus an do dh'fhalbh e buileach. <br /> <br /> Airson mòran bhliadhnaichean bha am baile air rathad an A9 gu tuath bho Inbhir Nis ach dh'atharraich seo nuair a chaidh Drochaid Cheiseig air a thogail ann an 1982. An-diugh, ged a tha am baile beag nas sàmhachaiche, 's e turasachd, an taigh-staile agus togail a tha fhathast nam prìomh ghnìomhachasan anns A' Bhlàr Dhubh