Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Buidheann Dannsaidh Albannach, Am Blàr Dubh
EXTERNAL ID
THCCP_DINGWALL_DANCERS
ÀITE
Am Blàr Dubh
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Urrath
DEIT
2004
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Alexander Collett
NEACH-FIOSRACHAIDH
Highland Community Planning & Resources Project
AITHNEACHADH MAOINE
39961
KEYWORDS
bailtean beaga
rathaidean-iarainn
Scottish Country Dance Group, Muir of Ord

Tha an dealbh seo a' sealltainn buill Buidheann Dannsaidh Albannach anns a' Bhlàr Dhubh, Siorrachd Rois. 'S iad, bhon làimh chli chun an làimh dheis (mullach) Ellen Cromb, Donnachadh Cromb agus Eleanor Innes (bonn) Frank Stephen, Wendy Stephen, Barbara Gòrdain agus Gladys Mhoireach. Chaidh am buidheann a chur air bhonn ann an 1977 agus tha mu 24 buill ann a bhios a' coinneachadh gach oidhche Luain tron gheamhradh ann an talla a' bhaile.

Chaidh an dealbh a thogail anns an Lùnastal 2004 le Alasdair Collett mar phàirt den phròiseact 'Make the Muir Matter' a bha na innleachd planaidh coimhearsnachd air a stiùireadh le muinntir a' bhaile le taic bho Highland Wellbeing Alliance: Highland's Community Planning Partnership.

Tha Am Blàr Dubh trì mìle taobh tuath air A' Mhanachainn agus 14 mìle taobh an iar-thuath air Inbhir Nis. Dh'fhàs am baile, air an robh an t-ainm Tarbhdal aig aon àm, gu mòr tron 19mh linn air sàilleabh an taigh-staile agus còmhdail air rathaidean agus rathaidean-iarainn. Chaidh stèisean-rèile a thogail aig Tarbhdal ann an 1862 mar phàirt de Rathad-iarainn Inbhir Nis agus Siorrachd Rois. Ach, dh'atharraich companaidh an rathad-iarainn ainm an stèisein gu Am Blàr Dubh an dèidh nam fèillean cruidh a bha a' gabhail àite mu mhìle bhon a' bhaile. Beag air bheag thàinig an t-ainm Am Blàr Dubh an àite Tarbhdal gus an do dh'fhalbh e buileach.

Airson mòran bhliadhnaichean bha am baile air rathad an A9 gu tuath bho Inbhir Nis ach dh'atharraich seo nuair a chaidh Drochaid Cheiseig air a thogail ann an 1982. An-diugh, ged a tha am baile beag nas sàmhachaiche, 's e turasachd, an taigh-staile agus togail a tha fhathast nam prìomh ghnìomhachasan anns A' Bhlàr Dhubh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Buidheann Dannsaidh Albannach, Am Blàr Dubh

ROS: Urrath

2000an

bailtean beaga; rathaidean-iarainn;

Highland Community Planning & Resources Project

Make the Muir Matter - Photographs of Muir of Ord