Ùrachadh mu Dheireadh 30/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Buill a' Chlub Scrabble, Am Blàr Dubh
EXTERNAL ID
THCCP_DINGWALL_SCRABBLE
ÀITE
Am Blàr Dubh
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Urrath
DEIT
2004
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Alexander Collett
NEACH-FIOSRACHAIDH
Highland Community Planning & Resources Project
AITHNEACHADH MAOINE
39976
KEYWORDS
bailtean-beaga
rathaidean-iarrainn
clubaichean
geamaichean-bùird
Scrabble Club Members, Muir of Ord

Tha an dealbh seo a' sealltainn buill a' Chlub Scrabble, Am Blàr Dubh, Siorrachd Rois. Tha an club a' coinneachadh gach feasgar Diluain eadar 2f agus 4f ann an Talla na h-Eaglaise, Rathad Sìophoirt airson gèam no dhà spòrsail de scrabble. Chaidh a thogail anns an Lùnastal 2004 le Alasdair Collett mar phàirt den phròiseact 'Make the Muir Matter' a bha na innleachd planaidh coimhearsnachd air a stiùireadh le muinntir a' bhaile le taic bho Highland Wellbeing Alliance: Highland's Community Planning Partnership.

Tha Am Blàr Dubh suidhichte trì mìle taobh tuath air A' Mhanachainn agus 14 mìle taobh an iar-thuath Inbhir Nis. Dh'fhàs am baile, air an robh an t-ainm Tarbhdal aig aon àm, gu mòr tron 19mh linn air sàilleabh an taigh stàile agus còmhdail air rathaidean agus rathaidean-iarrainn. Chaidh stèisean-rèile a thogail aig Tarbhdal ann an 1862 mar phàirt de Rathad-iarrainn Inbhir Nis agus Siorrachd Rois. Ach, dh'atharraich companaidh an rathad-iarrainn ainm an stèisean gu Am Blàr Dubh an dèidh nam fèillean-chruidh a bha a' gabhail àite mu mhìle bhon a' bhaile. Beag air bheag thàinig an t-ainm Am Blàr Dubh an àite Tarbhdal gus an do dh'fhalbh e buileach.

Airson mòran bhliadhnaichean bha am baile air an rathad A9 gu tuath bho Inbhir Nis ach dh'atharraich seo leis an Drochaid Cheiseig air a thogail ann an 1982. An-diugh, ged a tha am baile beag nas shàmhachaiche 's e turasachd, sileadh agus togail a tha fhathast nam prìomh ghnìomhachasan anns A' Bhlàr Dhubh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Buill a' Chlub Scrabble, Am Blàr Dubh

ROS: Urrath

2000an

bailtean-beaga; rathaidean-iarrainn; clubaichean; geamaichean-bùird

Highland Community Planning & Resources Project

Make the Muir Matter - Photographs of Muir of Ord

Tha an dealbh seo a' sealltainn buill a' Chlub Scrabble, Am Blàr Dubh, Siorrachd Rois. Tha an club a' coinneachadh gach feasgar Diluain eadar 2f agus 4f ann an Talla na h-Eaglaise, Rathad Sìophoirt airson gèam no dhà spòrsail de scrabble. Chaidh a thogail anns an Lùnastal 2004 le Alasdair Collett mar phàirt den phròiseact 'Make the Muir Matter' a bha na innleachd planaidh coimhearsnachd air a stiùireadh le muinntir a' bhaile le taic bho Highland Wellbeing Alliance: Highland's Community Planning Partnership.<br /> <br /> Tha Am Blàr Dubh suidhichte trì mìle taobh tuath air A' Mhanachainn agus 14 mìle taobh an iar-thuath Inbhir Nis. Dh'fhàs am baile, air an robh an t-ainm Tarbhdal aig aon àm, gu mòr tron 19mh linn air sàilleabh an taigh stàile agus còmhdail air rathaidean agus rathaidean-iarrainn. Chaidh stèisean-rèile a thogail aig Tarbhdal ann an 1862 mar phàirt de Rathad-iarrainn Inbhir Nis agus Siorrachd Rois. Ach, dh'atharraich companaidh an rathad-iarrainn ainm an stèisean gu Am Blàr Dubh an dèidh nam fèillean-chruidh a bha a' gabhail àite mu mhìle bhon a' bhaile. Beag air bheag thàinig an t-ainm Am Blàr Dubh an àite Tarbhdal gus an do dh'fhalbh e buileach. <br /> <br /> Airson mòran bhliadhnaichean bha am baile air an rathad A9 gu tuath bho Inbhir Nis ach dh'atharraich seo leis an Drochaid Cheiseig air a thogail ann an 1982. An-diugh, ged a tha am baile beag nas shàmhachaiche 's e turasachd, sileadh agus togail a tha fhathast nam prìomh ghnìomhachasan anns A' Bhlàr Dhubh