Ùrachadh mu Dheireadh 22/06/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dr. Iain MacCoinnich
EXTERNAL ID
AB_INVTOWNHOUSE07_26
ÀITE
Inbhir Nis
LINN
1880an;1890an
CRUTHADAIR
George Reid
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
401
KEYWORDS
Taigh Baile Inbhir Nis
dealbhan
pròbhaistean
Seòras Reid
Geàrrloch
croitearachd
tuathanachas
Banrigh Bhictoria
Dr John Mackenzie

Tha an dealbh seo den Dr. Iain MacCoinnich, le Seòras Reid, ann am Prìomh Thalla Taigh Baile Inbhir Nis. Chaidh a thoirt seachad le mhac, an Còirnealair Eachann MacCoinnich.

Rugadh Iain MacCoinnich ann an 1803, an ceathramh mac aig Sir Eachann MacCoinnich à Geàrrloch. Bha a mhàthair à Inbhir Nis. Thill ise dhan bhaile an dèidh bàs a cèile ann an 1826. Dh'ionnsaich MacCoinnich dotaireachd agus b' e MD agus FRCS a bha ann. Chuir e an uair sin seachad ùine anns an arm mus do thill e a dh'Alba ann an 1830. Thòisich e air tuathanas ann an Kinellan, Srath Pheofhar. Bha e gu mòr airson ùrachadh a thoirt air siostam croitearachd ged a bha croitearan fhèin gu math fada an aghaidh a bheachdan.

Thàinig an Dr. MacCoinnich gu Inbhir Nis ann an 1844 agus chiallaich ùidh ann an gnothaichean poblach gun deach a thaghadh mar phròbhaist ann an 1867, dreuchd a bha aige airson sia bliadhna. Chuidich e ann a bhith a' cur an gnìomh leasachaidhean ionmhais Comhairle a' Bhaile agus bha an ùidh a bha aige ann an suidheachadh sòisealta na bhun-stèidh air leasachaidhean ann an siostam glainneid a' bhaile.

Bha an t-urram dà thuras aig an Dr. MacCoinnich fàilte a chur air a' Bhanrgh Bhictoria chun a' bhaile. Bhiodh an t-èideadh Gàidhealach air tric agus a rèir na sgrìobh i na leabhar-latha b'e "seann duine brèagha ann an èileadh le falt fada geal agus feusag fhada gheal' a bha ann.

Dh'eug e air an 18mh dhen Dùbhlachd ann an 1886

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dr. Iain MacCoinnich

1880an;1890an

Taigh Baile Inbhir Nis; dealbhan; pròbhaistean; Seòras Reid; Geàrrloch; croitearachd; tuathanachas; Banrigh Bhictoria

Am Baile

Inverness Town House 2007