Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mgr MacHardy a' bruidhinn air a' chogadh
EXTERNAL ID
ULMPH_2000_0264
DEIT
1914
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Ulapuil
AITHNEACHADH MAOINE
40158
KEYWORDS
uachdarain
An Ciad Cogadh
oighreachdan
bàs shaighdearan
Mr Machardy discusses the war

B' e an tiotal a bh' air seo an toiseach 'Machardy agus Màthair a' deasbad mun chogadh'.

'S aithne dhuinn gur e am prìomh stalcaire a bh' ann am Mgr MacHardy, agus an t-aodach 's an gunna ga shealltainn, aig teaghlach Fowler air Oighreachd a' Bhraigh Mhòir, 12 mhìle gu deas air Ulapul. Tha a h-uile coltas gur e an Leadaidh Fowler a' "mhàthair" a tha san dealbh.

Chaill teaghlach Fowler an dithis mhac a bh' aca sa Chiad Chogadh. Bha Iain, b'e sin an Caiptean Sir Iain Eideard Fowler den 4mh Batàillean, Gàidheil Shìphoirt, 30 bliadhna a dh'aois nuair a chaidh a mharbhadh san t-sabaid faisg air Richebourg L'Avoue am 22 Ògmhios 1915. Chaidh a chorp a thoirt dhachaigh 's chaidh a thiodhlaigeadh le urram armailteach sa chladh ann am Fothaich, cladh prìobhaideach air an Oighreachd aca fhèin sa Bhraigh Mhòr. Chaidh a bhràthair na b' òige, Caiptean Ailean Artair Fowler de Ghàidheil Chamshroin a mharbhadh dà mhìos roimhe ann an sabaid am 28mh Giblean 1915. Chan eil uaigh aithnichte aigesan agus tha e air a chuimhneachadh air Geata Menin ann an Ypres.

'S cinnteach gun deach an tiotal air a' chairt seo a sgrìobhadh le fear den dithis sin. B' e "Màthair" Ailios Sìne Clive Fowler (a rugadh na Bayley) a bha an uairsin na bantrach aig Sir Iain Artair Fowler, an 2a Baranan, nach bu mhaireann.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu Ullapool Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mgr MacHardy a' bruidhinn air a' chogadh

1910an

uachdarain; An Ciad Cogadh; oighreachdan; bàs shaighdearan

Taigh-tasgaidh Ulapuil

Ullapool Museum Photographic Collection