Ùrachadh mu Dheireadh 07/02/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
President Forbes of Culloden

Tha an dealbh seo (leth-bhreac) de Cheann-suidhe Forbes à Cùil Lodair le Ailean Ramsay ann am Prìomh Thalla Taigh Baile Inbhir Nis.

B'e fear-lagh cliùiteach a bha ann an Donnchadh Forbes à Cùil Lodair (1685-1747) agus b' e an Ceann-suidhe air Cùirt an t-Seisein eadar 1737 agus 1747. B' e an còigeamh Uachdaran air Cùil Lodair an dèidh bàs a bhràthar ann an 1734.

Mhol Donnchadh Forbes gum biodh rèiseamaidean Rìoghail Gàidhealach air an cruthachadh gus stad a chur air àr-a-mach nan cinnidhean. B' e neach-taic dìlseach a bh' ann dhan riaghaltas agus chosg e earrann mhòr dhen airgead aige fhèin gus taic airgid a thoirt do dh'fheachdan Diùc Chumberland ann an Ar-a-mach nan Seumasach ann an '45. A dh'aindèoin a bhith gu mòr air taobh an Riaghaltais, bha Forbes an aghaidh an droch làimhseachaidh a chaidh a dhèanamh air na Gàidheil an dèidh blàr Chùil Lodair

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceann-suidhe Forbes à Cùil Lodair

1700an

Taigh Baile Inbhir Nis; dealbhan; Ailean Ramsay; Donnchaidh Forbes à Cùil Lodair; an teaghlach Forbes; Cùil Lodair; cinnidhean; na Seumasaich; Hanobhàrianaich; Rèiseamaidean Gàidhealach

Am Baile

Inverness Town House 2007

Tha an dealbh seo (leth-bhreac) de Cheann-suidhe Forbes à Cùil Lodair le Ailean Ramsay ann am Prìomh Thalla Taigh Baile Inbhir Nis.<br /> <br /> B'e fear-lagh cliùiteach a bha ann an Donnchadh Forbes à Cùil Lodair (1685-1747) agus b' e an Ceann-suidhe air Cùirt an t-Seisein eadar 1737 agus 1747. B' e an còigeamh Uachdaran air Cùil Lodair an dèidh bàs a bhràthar ann an 1734. <br /> <br /> Mhol Donnchadh Forbes gum biodh rèiseamaidean Rìoghail Gàidhealach air an cruthachadh gus stad a chur air àr-a-mach nan cinnidhean. B' e neach-taic dìlseach a bh' ann dhan riaghaltas agus chosg e earrann mhòr dhen airgead aige fhèin gus taic airgid a thoirt do dh'fheachdan Diùc Chumberland ann an Ar-a-mach nan Seumasach ann an '45. A dh'aindèoin a bhith gu mòr air taobh an Riaghaltais, bha Forbes an aghaidh an droch làimhseachaidh a chaidh a dhèanamh air na Gàidheil an dèidh blàr Chùil Lodair