Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Teaghlach Caimbeul, An Dòrnaidh, A' Chòigeach
EXTERNAL ID
ULMPH_2000_0404
ÀITE
An Dòrnaidh, A' Chòigeach
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
DEIT
1927
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Ulapuil
AITHNEACHADH MAOINE
40267
KEYWORDS
deilbh teaghlaich
bùthan
The Campbell Family, Dornie, Coigach

Bha gnothachas marsanta coitcheann anns An Dòrnaidh sa Chòigeach gu tuath air Aichillidh Buidhe, ris an canaist Bùth An Dòrnaidh, aig an teaghlach san dealbh camara seo (b' e Caimbeulaich An Dòrnaidh a bh' air an teaghlach). San dealbh nan seasamh bho chlì gu deas tha Seasaidh Chaimbeul, màthair Seasaidh, a bràthair Iain agus a piuthar as òige Bealag. Tha bràthair eile, Seòras na shuidhe.

Bha a' bhùth ceangailte ris an taigh aca. Bha an teaghlach cuideachd a' coimhead às dèidh croit agus bha iad ag iasgach. Bha triùir eile de na peathraichean ag obair air taobh siar na h-Alba agus mun cuairt air Glaschu. Bha a' bhùth leis an teaghlach airson 120 bliadhna agus thathas a' smaoineachadh gur e seo aon de na ciad bùthan ann an Siorrachd Rois a bha a' toirt creideas. Dhùin i aig deireadh na 1960an ('s dòcha ann an 1968) goirid an dèidh bàs Iain.

Cha do phòs duine de na seachd Caimbeulaich a-riamh.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu Ullapool Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Teaghlach Caimbeul, An Dòrnaidh, A' Chòigeach

ROS: Loch Bhraoin

1920an

deilbh teaghlaich; bùthan

Taigh-tasgaidh Ulapuil

Ullapool Museum Photographic Collection