Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Alexander Fraser

Tha an dealbh seo de dh'Alasdair Friseal crochte sa Phrìomh Thalla ann an Taigh a' Bhaile Inbhir Nis. Tha an neach-ealain gun urra.

Rugadh Alasdair Friseal ann an Inbhir Nis ann an 1822. Fhuair e a chuid foghlam ann an Inbhir Nis agus ann an Oilthigh Obar Dheathain. Bha e ag obair dha Banca Coimearsalta na h-Alba ann an Inbhir Nis airson leth-cheud bliadhna, ach àm goirid a chuir e seachad mar àidseant dhan bhanca anns a' Mhanachainn.

Bha Friseal na bhall de Chomhairle Baile Inbhir Nis airson iomadach bliadhna agus fhritheil e na phròbhaist bho 1880 gu 1883. Fhad 's a bha e na phròbhaist chaidh Taigh a' Bhaile ùr fhosgladh leis a' Phrionnsa Alfred, Diùc Dhùn Èideann, an dàrna mac aig a' Bhanrigh Bhioctoria agus a' Phrionnsa Ailbeart.

Ghabh Friseal thairis grunn dhleastanasan poblach. Bha e na bhall den Bhòrd Sgìreil, de Bhòrd Cuthaich na Sgìre agus de Chomhairle Siorrachd Inbhir Nis. Bha e a' frithealadh le Companaidh na Manachainn de na Foireannan Saor-thoileach, a' ruighinn ìre Caiptean. Bha ùidh aige cuideachd ann an tuathanachas chaorach agus bha e an lùib stèidheachadh Club Iasgach Slaite Nis.

Bhàsaich Alasdair Friseal aig an taigh, Taigh Banca an Eilein, air 19 Dàmhair 1899

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Alasdair Friseal

1880an

Taigh a' Bhaile Inbhir Nis; deilbh; pròbhaistean; bancaichean; Am Banca Coimearsalta; Comhairle Baile Inbhir Nis; comhairlichean; foireannan saor-thoileach; Club Iasgach Slaite Nis

Am Baile

Inverness Town House 2007