Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Buidheann luchd-gheòla
EXTERNAL ID
ULMPH_2000_0546
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Ulapuil
AITHNEACHADH MAOINE
40330
KEYWORDS
iachtan
RNYC
Group of Yachtsmen

Seo buidheann de sheòladairean o gheòla timcheall air Loch Bhraoin. Bho chlì gu deas 's iad Iain MacCoinnich, Dan MacCoinnich, Iain MacCoinnich, Uillidh Sheumais agus Ailig MacCoinnich. 'S cinnteach gu bheil na litrichean RNYC, ri fhaicinn air geansaidh an t-seòladair air an làimh chlì, airson 'Royal Northumberland Yacht Club'.

Sna 1920an bha e na fhasan aig fir o bhailtean beaga, mar an Leitir, Logaidh agus Ruigh Ruadh air taobh a tuath Loch Bhraoin, falbh tràth as t-samhradh airson obair fhaighinn ann an sgioba air na sgothan rèisidh a bh' aig daoine beairteach le gnìomhachasan no le talamh. Bha an ràith aig seòladh nan sgothan a' freagairt glè mhath ri bliadhna na croitearachd agus an àiteachais. Nuair a bhiodh obair thràth na bliadhna deiseil - a' mhòine air a buain as t-earrach agus an sìol air a chur - bhiodh cothrom aig na croitearan falbh air na sgothan-seòlaidh fad an t-samhraidh agus tilleadh gu na croitean aca airson obair an fhoghair

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu Ullapool Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Buidheann luchd-gheòla

ROS: Loch Bhraoin

iachtan; RNYC

Taigh-tasgaidh Ulapuil

Ullapool Museum Photographic Collection