Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Buidheann dhaoine ri taobh bhogsaichean èisg, Ullapul
EXTERNAL ID
ULMPH_2000_0598
ÀITE
Ulapul
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Ulapuil
AITHNEACHADH MAOINE
40362
KEYWORDS
gnìomhachas an iasgaich
Ullapul
iasgach
Group beside crates of fish, Ullapool

San dealbh-chamara seo tha buidheann dhaoine ann a tha nan suidhe ri taobh bhogsaichean èisg aig Sràid na Tràghad ann an Ullapul. Thòisich Ullapul ann an 1788 na bhaile beag a bha air a phlanadh, air a dheilbh le Tòmas Telford airson Comann Iasgaich Bhreatainn ach an coisneadh e às a' mhòr-fhàs ann an gnìomhachas an sgadain.

An-diugh tha bàtaichean-iasgaich na sgìre a' glacadh ghiomaich Lochlannach (muasgain chaola), giomaich, creachainn agus crùbagan agus 's e an cidhe fhathast cridhe a' bhaile.

Tha clèibh nan giomach air an ceangal ri ròpan grunna agus ri puta, agus tha iad air am biathadh le iasg. Tha a' chuid as motha de na bàtaichean ag iasgach fad na bliadhna agus a' tighinn a-steach don chala a h-uile feasgar. Bidh làraidhean nan reothadairean a' giùlan a' mhòr-chuid de na thèid a ghlacadh gu taighean-giullachd san sgìre agus às an siud gu margaidean na Roinn Eòrpa

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu Ullapool Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Buidheann dhaoine ri taobh bhogsaichean èisg, Ullapul

ROS: Loch Bhraoin

gnìomhachas an iasgaich; Ullapul; iasgach

Taigh-tasgaidh Ulapuil

Ullapool Museum Photographic Collection