Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clann taobh a-muigh na sgoile air Eilean Mhàrtainn
EXTERNAL ID
ULMPH_2000_0629
ÀITE
Eilean Mhàrtainn
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
DEIT
1949
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Ulapuil
AITHNEACHADH MAOINE
40387
KEYWORDS
Eilean Mhàrtainn
na h-Eileanan Samhraidh
sgoiltean
Naomh Màrtainn
iasgach
croitearachd
Children outside the school at Isle Martin

Thogadh an dealbh seo san Ògmhios 1949 agus chithear riùir chloinne nan seasamh air steapaichean na sgoile air Eilean Mhàrtainn. A' tòiseachadh air an làimh chlì tha Seumas Boa, Norah Chaimbeul is Cairistiona Boa.

Is e Eilean Mhàrtainn fear de na h-Eileanan Samhraidh agus 's e am fear as fhaisge air tìr-mòr aig Ullapul. Chaidh ainmeachadh air Naomh Màrtainn, a thathas a' saoilsinn thog manachainn air an eilean sa cheathramh linn. Sanochdamh linn deug bha gnìomhachas-iasgaich gu math soirbheachail air a stèidheachadh air an eilean, le còrr is ceud duine a' fantainn air. Chaidh croitearachd làmh ri làimh le gnìomhachas an iasgaich, agus mòran dhen eilean na ionaltradh do chrodh agus do chaoraich, le beagan den fearann a-mhàin na àiteach.

Chaidh an t-eilean a thoirt seachad le Monica Goldsmith an 1979 mar thiodhlac don RSPB (Comann Rìoghail Dìon nan Eun), agus an dèidh fichead bliadhna an urra ris an eilean, thug an RSPB e seachad do dh'urras de choimhearsnachdan Loch Bhraoin agus na Còigich. Chan eil duine a' fuireach air an eilean an-diugh

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu Ullapool Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clann taobh a-muigh na sgoile air Eilean Mhàrtainn

ROS: Loch Bhraoin

1940an

Eilean Mhàrtainn; na h-Eileanan Samhraidh; sgoiltean; Naomh Màrtainn; iasgach; croitearachd

Taigh-tasgaidh Ulapuil

Ullapool Museum Photographic Collection