Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
William Inglis

Tha an dealbh seo de dh'Uilleam Inglis a' crochadh ann am Prìomh Thalla Taigh Baile Inbhir Nis. Chan eil fhìos cò a rinn an dealbh.

B' e marsanta agus bancair ann an Inbhir nis a bha ann an Uilleam Inglis (1747-1801). Cheannaich e oighreachd bheag Kingsmills. Tha an taigh a bha ann bho thùs a-nis na phàirt de Thaigh-òsta Kingmills.

Chaidh Inglis a thaghadh air Comhairle a' Bhaile agus e gu math òg. Ann an 1780 fhuair e urram Bàillidh agus ann an 1791 's e an Dean of Guild, bha e an urra ris airgead a chruinneachadh airson prìosan, taigh-cùrtach agus stìopall ùr. Chan eil air fhàgail an-diugh ach an stìopall. B' esan cuideachd a bha air cùl na h-iomairt gus Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis agus an t-Ospadal a Tuath a stèidheachadh.

Ann an 1797 chaidh Inglis a thaghadh na phròbhaist, dreuchd a chùm e gu ruige 1800. Tha cuimhne air a' Phròbhaist Inglis gu sònraichte airson suipear a thoirt do Raibeart Burns na dhachaigh fhèin anns an t-Sultain 1878.

Rè ùine Inglis na phròbhaist chaidh mòran dhe na togalaichean ann an Inbhir Nis, a bha air a dhol ann an droch staid an dèidh Àr-a-mach nan Seumasach, ath-thogail no a chàradh. Ann an 1800 bhrosnaich e a' Chomhairle gus balla-cumail a thogail aig bonn a' chaisteil. Tha Sràid Inglis air a h-ainmeachadh às a dhèidh.

Dh'eug Uilleam Inglis air a' 14mh dhen Ghearran 1801.

B' e leth-bhràthair do dh'Uilleam Inglis a bha ann an Alasdair Inglis. Phòs tè dhe nigheanan Alasdair an Dr. Seumas MacDhonnchaidh à Allt nan Sgitheach, a bha cuideachd na phròbhaist air Inbhir Nis.

B' e ogha Alasdair a bha anns an Dr. Elsie Inglis, tè dhe na bana-lighichean a b' ainmeile ann an Dùn Èidean. Rinn i ionnsachadh sònraichte ann an cùram bhoireannach agus cùram chloinne ach stèidhich i cuideachd Ospadal Mhnathan na h-Alba a chuir sgiobaidhean dhan Fhraing, dhan Ghrèig agus a Sherbia ann a' Chiad Chogadh Mhòr.

Bha fear eile dhen teaghlach, Dr. Iain Inglis Nicol na phròbhaist bho 1840 gu 1843

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uilleam Inglis

1790an;1800an

Taigh Baile Inbhir Nis; pròbhaist; dealbhan; Kingsmills; Comhairle a' Bhaile; bàillidhean; ceannardan; Stìopall Inbhir Nis; Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis; Raibeart Burns; Alasdair Inglis; Seumas MacDhonnchaidh; Dr Elsie Inglis; Ospadal Mhnathan na h-Alba

Am Baile

Inverness Town House 2007