Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cutairean taobh a-muigh bùth tàilleir, Ullapul
EXTERNAL ID
ULMPH_2000_0703
ÀITE
Ulapul
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Ulapuil
AITHNEACHADH MAOINE
40442
KEYWORDS
iasg
iasgach
gnìomhachas an iasgaich
Gutters ouside Tailors Shop, Ullapool

San dealbh seo, chithear boireannaich agus iad a' cutadh iasg taobh a-muigh bùth tàilleir Iain MhicIllEathain ann an Sràid a' Chladaich, Ullapul. Chithear baraillean sgadain air gach taobh den luchd-obrach. Tha triùir fhear a' coimhead orra.

Chaidh Ullapul a dhealbh le Tòmas Telford airson Comann Iasgach Bhreatainn ann an 1788 ach an cosnadh iad às an leudachadh ann an gnìomhachas iasgach an sgadain. Chaidh na sràidean a dhealbh ann am pàtran clèithe agus am measg nan togalaichean ùra bha seadaichean sgoltaidh, taighean-stòir, laimrig agus taigh-sgoile.

An toiseach chaidh cùisean gu math leis a' bhaile ùr iasgaich, ach tràth san 19mh linn thrèig an sgadan Loch Bhraoin agus ro na 1830an thàinig crìonadh air a' ghnìomhachas. Ach anns an 20mh linn, lorg Ullapul àite ùr dha fhèin san iasgach nuair a thòisich bàtaichean bhon chost an ear a' tighinn thuige mar chala sàbhailte san iar. A bharrachd air seo, sna 70an is sna 80an bha eaconamaidh a' bhaile air a chuideachadh le soithichean factaraidh bhon Roinn Eòrpa an Ear. Tha iad seo a-nis air falbh ach tha an cidhe na mheadhan aig a' bhaile agus na cheann-uidhe do dh'aiseag Steòrnabhaigh. Tha na seallaidhean eireachdail san sgìre, agus na th' ann de chothroman coiseachd nam beanntan mun cuairt, a' fàgail Ulapuil na àite a tha tarraingeach do luchd-turais

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu Ullapool Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cutairean taobh a-muigh bùth tàilleir, Ullapul

ROS: Loch Bhraoin

iasg; iasgach; gnìomhachas an iasgaich

Taigh-tasgaidh Ulapuil

Ullapool Museum Photographic Collection