Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cutairean, Ullapul
EXTERNAL ID
ULMPH_2000_0704
ÀITE
Ulapul
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Ulapuil
AITHNEACHADH MAOINE
40443
KEYWORDS
iasg
iasgach
gnìomhachas an iasgaich
Herring Gutters, Ullapool

San dealbh seo, chithear cutairean sgadain ag obair aig Ullapool Point. Chithear balach telegraim air an taobh chlì. Is esan Coinneach MacLeòid à Sràid Earra-Ghàidheal an Iar.

Bhiodh na boireannaich seo, 'Clann-nighean an Sgadain', a' leantainn bàtaichean an sgadain mu chost Bhreatainn gach bliadhna. Bha iad ag obair ann an sgiobaidhean de thriùir, dithis a' sgoltadh is tè a' cur an sgadain ann am baraillean. Bha an sgadan air a chur ann an amaran mòra fiodha air an robh 'farlans'. Bhiodh an luchd-sgoltaidh a' glanadh an èisg le aon bhuille den sgithinn.
B' urrainn don mhòr-chuid de bhoireannaich mu 40 iasg a sgoltadh gach mionaid, ach bha cuid fiù 's nas luaithe na seo. Bha an
t-iasg a' dol ann am baraillean a rèir meud is bha tuathanaich a' cleachdadh nam mionach mar thodhar. Bha am beatha is an obair duilich. Gach bliadhna bhiodh bàtaichean agus luchd-sgoltaidh à air feadh na h-Alba a' tighinn gu Ullapul.

Chaidh Ullapul a dhealbhadh mar stèisean iasgach ann an 1788 le Comann Iasgach Bhreatainn. Gach sèasan bhiodh bàtaichean agus cutairean sgadain a' tighinn à air feadh na h-Alba. Thàinig crìonadh air gnìomhachas an sgadain anns na 1930s agus rinneadh a' mhòr-chuid den ghiullachd èisg air a' chosta an ear, ged a bha bàtaichean fhathast ri iasgach air a' chosta an iar.

Chaidh Ullapul a dhealbhadh mar stèisean iasgach ann an 1788 le Comann Iasgach Bhreatainn. Gach sèasan bhiodh bàtaichean agus cutairean sgadain a' tighinn à air feadh na h-Alba. Thàinig crìonadh air gnìomhachas an sgadain anns na 1930s agus rinneadh a' mhòr-chuid den ghiullachd èisg air a' chosta an ear, ged a bha bàtaichean fhathast ri iasgach air a' chosta an iar

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu Ullapool Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cutairean, Ullapul

ROS: Loch Bhraoin

iasg; iasgach; gnìomhachas an iasgaich

Taigh-tasgaidh Ulapuil

Ullapool Museum Photographic Collection