Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Cidhe, Ullapul
EXTERNAL ID
ULMPH_2000_0730
ÀITE
Ulapul
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Ulapuil
AITHNEACHADH MAOINE
40465
KEYWORDS
iasgach
gnìomhachas an iasgaich
calaichean
calachan
The Pier, Ullapool

Anns an dealbh seo, chithear cala Ullapul. Chithear baraillean, bàtaichean iasgaich agus bàta-smùid ri cùl na deilbhe. Is dòcha gun deach an togalach àrd air taobh clì na deilbh a thogail ann an 1789. Is e an Stòras Mòr ('Great Store') an t-ainm a bh' air an toiseach. Bha seo air aon de mòran taighean-bathair a chaidh a thogail nuair a chaidh am baile a stèidheachadh le Comann Iasgach Bhreatainn.

Chaidh Ullapul a dhealbh le Tòmas Telford airson Comann Iasgach Bhreatainn ann an 1788 ach an cosnadh iad às an leudachadh ann an gnìomhachas iasgach an sgadain. Chaidh na sràidean a dhealbh ann am pàtran clèithe agus am measg nan togalaichean ùra bha seadaichean sgoltaidh, taighean-stòir, laimrig agus taigh-sgoile.

An toiseach chaidh cùisean gu math leis a' bhaile ùr iasgaich, ach tràth san 19mh linn thrèig an sgadan Loch Bhraoin agus ro na 1830an thàinig crìonadh air a' ghnìomhachas. Ach anns an 20mh linn, lorg Ullapul àite ùr dha fhèin san iasgach nuair a thòisich bàtaichean bhon chost an ear a' tighinn thuige mar chala shàbhailte san iar. A bharrachd air seo, sna 70an is sna 80an bha eaconamaidh a' bhaile air a chuideachadh le soithichean factaraidh bhon Roinn Eòrpa an Ear. Tha iad seo a-nis air falbh ach tha an cidhe na mheadhan aig a' bhaile agus na cheann-uidhe do dh'aiseag Steòrnabhaigh. Tha na seallaidhean eireachdail san sgìre, agus na th' ann de chothroman coiseachd nam beanntan mun cuairt, a' fàgail Ulapuil na àite a tha tarraingeach do luchd-turais

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu Ullapool Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Cidhe, Ullapul

ROS: Loch Bhraoin

iasgach; gnìomhachas an iasgaich; calaichean; calachan

Taigh-tasgaidh Ulapuil

Ullapool Museum Photographic Collection