Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sràid a' Chidhe agus an Cala, Ullapul
EXTERNAL ID
ULMPH_2000_0731
ÀITE
Ulapul
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Ulapuil
AITHNEACHADH MAOINE
40466
KEYWORDS
gleocan
cleocan
bailtean dealbhaichte
Quay Street and Pier, Ullapool

Anns an dealbh seo, chithear Sràid a' Chidhe agus an Cidhe ann an Ullapul. Chithear baraillean sgadain agus cruinn-siùil bàta ri cùl na deilbh. Tha Cleoc Cuimhneachaidh Fowler na sheasamh anns an rathad. Chaidh a thogail ann an 1899 mar chuimhneachan air Sir John Artair Fowler (1817-1898) agus air a theaghlach a bha a' fuireach ann an Taigh a' Bhràigh Mhòir faisg air a' Choire Shalach.

Sna 1960an chaidh a ghluasad gu Sràid Earra-Ghàidheal an Iar oir bha daoine a' gearan gu robh e a' cur na trafaig troimh-a-chèile ach tha e air aithris nach do chùm e ris an uair cho math an dèidh dhaibh a ghluasad.
Chaidh Ullapul a dhealbh le Tòmas Telford airson Comann Iasgach Bhreatainn ann an 1788 ach an cosnadh iad às an leudachadh ann an gnìomhachas iasgach an sgadain. Chaidh na sràidean a dhealbh ann am pàtran clèithe agus am measg nan togalaichean ùra bha seadaichean sgoltaidh, taighean-stòir, laimrig agus taigh-sgoile.

An toiseach chaidh cùisean gu math leis a' bhaile ùr iasgaich, ach tràth san 19mh linn thrèig an sgadan Loch Bhraoin agus ro na 1830an thàinig crìonadh air a' ghnìomhachas. Ach anns an 20mh linn, lorg Ullapul àite ùr dha fhèin san iasgach nuair a thòisich bàtaichean bhon chost an ear a' tighinn thuige mar chala sàbhailte san iar. A bharrachd air seo, sna 70an is sna 80an bha eaconamaidh a' bhaile air a chuideachadh le soithichean factaraidh bhon Roinn Eòrpa an Ear. Tha iad seo a-nis air falbh ach tha an cidhe na mheadhan aig a' bhaile agus na cheann-uidhe do dh'aiseag Steòrnabhaigh. Tha na seallaidhean eireachdail san sgìre, agus na th' ann de chothroman coiseachd nam beanntan mun cuairt, a' fàgail Ulapuil na àite a tha tarraingeach do luchd-turais

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu Ullapool Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sràid a' Chidhe agus an Cala, Ullapul

ROS: Loch Bhraoin

gleocan; cleocan; bailtean dealbhaichte

Taigh-tasgaidh Ulapuil

Ullapool Museum Photographic Collection