Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Seann Taigh-sgoile, Eilean Mhàrtainn
EXTERNAL ID
ULMPH_2000_0742
ÀITE
Eilean Mhàrtainn
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Ulapuil
AITHNEACHADH MAOINE
40476
KEYWORDS
sgoiltean
taighean-sgoile
RSPB
Old Schoolhouse at Isle Martin

San dealbh seo, chithear an seann taigh-sgoile ann an Eilean Mhàrtainn. Chaidh an dealbh seo a thoirt do thaigh-tasgaidh Ullapul le Ealasdair Walker. Chaidh màthair Ealasaid a thogail air an eilean le a pàrantan Isabella agus Coinneach Stiùbhart agus chaidh i don sgoil san togalach seo.

San dealbh seo, chithear tobhta taigh Isabella is Choinnich Stiùbhart. Bha na Stiùbhartaich a' fuireach ann an Eilean Mhàrtainn rè an 19mh linn agus chaidh an dealbh seo a thoirt do thaigh-tasgaidh Ullapul le an ogha, Ealasdaid. Chaidh màthair Ealasaid a thogail ann agus chaidh i don sgoil ann.

Tha Eilean Màrtainn air aon de na h-Eileanan Samhraidh agus is e an t-eilean as fhaisg air Ullapul air tìr-mòr. Chaidh ainmeachadh air an Naomh Màrtainn oir thathar a' creidsinn gun robh manachainn aige air an eilean sa 4mh linn.

Bha gnìomhachas iasgaich làidir air fàs suas san eilean agus bha suas ri ceud duine a' fuireach ann. Bha croitearachd dlùth cheangailte ri gnìomhachas an iasgaich agus bhathar a' cur caoraich is crodh air feur ann. Cha robh ach beagan talmhainn air a chleachdadh airson bàrr.

Chaidh an t-eilean a thoirt do Chomann Rìoghail Dìon nan Eun (RSPB) le Monica Goldman ann an 1979 agus às dèidh fichead bliadhna de bhith a' coimhead às dèidh an eilein, chaidh a thoirt mar tiodhlac do dh'urras coimhearsnachd aig coimhearsnachdan Loch Bhraoin is na Còigich. Chan eil duine a' fuireach anns an eilean aig an àm seo

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu Ullapool Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Seann Taigh-sgoile, Eilean Mhàrtainn

ROS: Loch Bhraoin

sgoiltean; taighean-sgoile; RSPB

Taigh-tasgaidh Ulapuil

Ullapool Museum Photographic Collection