Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Inverness Town House - Windows 1a

Tha an dealbh seo a' sealltainn obair mhionaideach dhen uinneig as fhaide an iar dhen bhalla a tuath dhen uinneag anns a' Phrìomh Thalla, ann an Taigh Baile Inbhir Nis.

Aig a' mhullach tha suaicheantas, sgiath agus facail-suaicheantais Chlann Rothach. 'S e iolaire a' cromadh a tha ann an suaicheantas nan Rothach. Tha ceann iolaire air an sgèith agus 's e 'Dread God' facail an t-suaicheantais.

Gu h-ìseal air an làimh chlì tha suaicheantas, sgiath agus facail-suaicheantais Chlann MhicGillEathain. 'S e tùr a tha air an t-suaicheantas. Tha an sgiath air a roinn ann an cairtealan. Tha clach anns an earrainn gu h-àrd air an làimh chlì, tha 'làmh-dhearg Ulaidh' gu h-àrd air an làimh dheis, tha long gu h-ìseal air an làimh chlì agus tha dà cheann iolaire agus bradan anns an earrainn gu h-ìseal air an làimh dheis. 'S e 'Virtue mine honour' na facail-suaicheantais.

Air an làimh dheis, tha suaicheantas, sgiath agus facail-suaicheantais Chlann Mhic Dhonnchaidh. 'S e làmh a' cumail crùn ìmpireil a tha air an t-suaicheantas. Tha trì cinn madaidh-allaidh air an sgèith leis na facail 'Virtutis Gloria merces' ('S e glòir duais gaisge )

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uinneagan 1a - Taigh Baile Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1870s;1880s

Taigh Baile Inbhir Nis; glainne dhathte; suaicheantasan; sgiath; facail-suaicheantais; Rothaich; Clann Mhic an Tòisich; Dòmhnallach nan Eilean; Clann Mhic Gill Eathain; Clann MhicDhonnchaidh; Clann Mhic a' Phearsain; Camshronaich; Clann Ràghnaill

Am Baile

Inverness Town House 2007