Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Inverness Town House - Windows 1b

Tha an dealbh seo a' sealltainn obair mhionaideach dhen uinneig as fhaide air an ear dhen bhalla a tuath anns a' Phrìomh Thalla, ann an Taigh Baile Inbhir Nis.

Aig a' mhullach tha suaicheantaas, sgiath agus facail-suaicheantais Dòmhnallaich nan Eilean. 'S e miotag dìon a' cumail crois 'crosslet fitchee' (crois far a bheil na h-earrannan gu h-àrd a' crìochnachadh nan croisean beaga agus far a bheil an ceann as ìsle air am faotharachadh coltach ri biodag). Tha an suaicheantas air a roinn ann an cairtealan. Tha leòmhann anns an roinn as àirde air an làimh chlì agus gu h-àrd anns an làimh dheis tha an aon ìomhaigh ann. Anns an roinn as ìsle anns an làimh chlì, tha long ann agus gu h-ìseal air an làimh dheis tha bradan ann.

Tha suaicheantas, sgiath agus facail-suaicheantais Clann Dòmhnaill Ghleann Garadh gu h-ìseal air an làimh chlì. 'S e fitheach a' cromadh air creig a tha anns an t-suaicheantas. Tha iolaire agus long air an t-suaicheantas, tha crois 'crosslet fitchee' anns an roinn gu h-àrd air an làimh dheis agus tha làmh gu h-àrd air an làimh chlì. Tha na facail-suaicheantais, 'Cragan an fithich' air a' mhullach agus air a' bhonn tha 'Per mare per terras' (air a' mhuir agus air tìr) sgrìobhte.

Air an làimh dheis, tha suaicheantas, sgiath agus facail-suaicheantais Dòmhnallaich Chlann Ràghnaill. 'S e làmh le dìon armachd oirre agus caidheamh a' tighinn a-mach à caisteal ìomhaighean an t-suaicheantais. Tha an sgiath air a roinn ann an cairtealan. Gu h-àrd anns an làimh chlì, tha leòmhann. Tha làmh a cumail greim air crois 'crosslet fitchee' gu h-àrd air an làimh dheis agus tha long bheag agus bradan gu h-ìseal air an làimh chlì agus tha craobh daraich agus iolaire anns an earrann gu h-ìseal air an làimh dheis. Tha na facail-suaicheantais, air a' mhullach 'My hope is constant in thee' agus aig a' bhonn, 'Dh'aindeoin cò theireadh e'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uinneagan 1b - Taigh Baile Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1870s;1880s

Taigh Baile Inbhir Nis; glainne dhathte; suaicheantasan; sgiath; facail-suaicheantais; Rothaich; Clann Mhic an Tòisich; Dòmhnallach nan Eilean; Clann Mhic Gill Eathain; Clann MhicDhonnchaidh; Clann Mhic a' Phearsain; Camshronaich;Clann Ràghnaill

Am Baile

Inverness Town House 2007