Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cruinneachadh Chloinn Chamshroin aig Taigh Achadh na Càiridh, 2009
EXTERNAL ID
Z_AB_CLAN_CAMERON_GATHERING_2009_04
ÀITE
Achadh na Càiridh
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhàillidh
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Janine Donald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
40801
KEYWORDS
cinnidhean
tachartasan chinnidhean
taighean
caistealan
Clan Cameron Gathering at Achnacarry House, 2009

Chaidh an dealbh-camara seo a thogail aig Cruinneachadh Chomann Chlann Chamshroin aig Taigh Ach' na Cairidh an 1mh Lùnastail 2009.

Gu meadhan an 18mh linn b'e adhbhar cruinneachadh cinnidh a bhith a' comharrachadh deireadh an fhoghair, a bhith a' comhairleachadh mu ghnothaichean a' buntainn ris a' chinneadh, no airson ullachadh airson creich. A-nis tha cruinneachaidhean cinnidh, mar a chithear aig Cruinneachadh Chloinn Chamshroin an seo, airson a bhith a' cumail suas cheangalaichean agus dàimh a' chinnidh.

Tha Taigh Achadh na Càiridh (ris an canaiste cuideachd Caisteal Achadh na Càiridh), a tha eadar Loch Long agus Loch Lòchaidh, air a bhith na chathair do Chamshronaich Loch Iall bho na 1660an. Chaidh an togalach tùsail a sgrios ann an 1746 le fir a bha fo òrdugh a' Chaiptein Seòras Rothach Culcairn, mar pheanas airson a' phàirt a ghabh Loch Iall anns an '45. Thòisich ath-thogail an taighe ùir, a bha air a dhealbhachadh le Seumas Gilleasbuig Greumach, ann an 1802 ged nach deach crìoch a chur air gu 1835-7.

Rè an Dara Cogaidh, bha an taigh air a chleachdadh mar àite-trèanaidh do Chommandos Bhreatainn, do na US Rangers, agus do shaighdearan bho airm eile a bha air taobh Bhreatainn.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cruinneachadh Chloinn Chamshroin aig Taigh Achadh na Càiridh, 2009

INBHIR NIS: Cill Mhàillidh

2000an

cinnidhean; tachartasan chinnidhean; taighean; caistealan

Am Baile

Clan Cameron Gathering, 2009