Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cunntas de Bhaile agus Cala Baile Phultanaidh, 1844, taobh-duilleig 04
EXTERNAL ID
Z_QZP40_TOWN AND HARBOUR_28648_004
ÀITE
Inbhir Ùige
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
DEIT
1844
LINN
1840an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd (duilleagan clò-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
40879
KEYWORDS
harbours

An ceathramh duilleag de sgrìobhainn anns a bheil ceithir duilleagan deug leis an tiotal:- Cunntas air Baile agus Cala Bhaile Phultanaidh bhon Tùs sa bhliadhna 1803 gu 1844 agus tuairisgeul de na baraillean airson clachan mòra a chur air bhog, airson na ballachan dìon mara a thogail ann an uisge domhainn.(eadar-theangaichte) Tha e cuideachd a' gabhail a-steach Earrann Gheàrr-chunntasan de dh'Ionad nan Einnseanairean Catharrra (eadar-theangaichte) le Seumas Bremner.

Ann an 1805, chaidh cala a thogail ann am Baile Phultanaidh a bha air a dheilbh airson Comann Iasgach Bhreatainn. Chaidh an comann a stèidheachadh airson feuchainn ri toirt air croitearan a bha air am fuadach tòiseachadh air iasgach. Chaidh am baile a phlanadh gu dealbhadh clèithe agus chaidh mòran de na sràidean ainmeachadh an dèidh coimiseanairean a' chomainn, nam measg Baile Phultanaidh fhèin, a bha air ainmeachadh an dèidh Sir Uilleam Pultanaidh.

Ann an 1902, mar phàirt de dh'ath-eagrachadh an riaghaltais ionadail, thàinig Baile Phultanaidh gu bhith na phàirt de Bhorgh Rìoghail Inbhir Ùige.

Na Bhorgh Rìoghail bho 1589, tha tùsan nas aosta na sin aig baile Inbhir Ùige, mar a chithear san ainm a tha a' tighinn bhon Lochlannais "Vic", am facal airson bàgh. Tha e air a shuidheachadh air oirthir an ear-thuath na h-Alba 30 cilemeatair deas air Taigh Iain Ghròt

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture