Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Treatise on the Planning and Constructing of Harbours in Deep Water', le Seumas Bremner, 1845 - Duilleag 44b
EXTERNAL ID
Z_QZP40_TREATISE_000660_044b
DEIT
1845
LINN
1840an
CRUTHADAIR
James Bremner
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd (duilleagan clò-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
40882
KEYWORDS
einnseanairean
innleadairean
cala
calachan

Chaidh am pàipear seo leis an tiotal 'Treatise on the Planning and Constructing of Harbours in Deep Water' a sgrìobhadh le Seumas Bremner, fear-togail nan soithichean agus nan caladh agus fear-sàbhalaidh nan long-bhrisidhean o ghrunnd na mara. Rugadh e ann an 1784 ann an Stain, faisg air Cèis ann an Gallaibh.

Chaidh an 'Treatise' aig Bremner fhoillseachadh ann an 1845, agus tha iomradh ann air mar a chaidh a dhreuchd. Tha e cuideachd a' toirt seachad iomradh mionaideach teicnigeach air iomadh pròiseact a bha e air a dhèanamh chun na bliadhna sin.

Tha an ro-ràdh don 'Treatise' a' toirt fiosrachadh air a dhreuchd thràth agus mar a chaidh e an sàs ann an togail nan caladh. Ann an 1798 thòisich e na phreantas aig a' chompanaidh togail-shoithichean, Raibeart Steele & Mic ann an Grianaig. Às dèidh sin thill e a dh'Inbhir Ùige gus a chompanaidh fhèin a chur air bhonn. Thòisich e ag obair ann an togail chalachan ann an 1807 nuair a chaidh fhastadh leis a' chompanaidh a bha a' togail cala ùr ann am Pulteneytown. Cha robh eòlas sam bith aig a' chompanaidh togail air calachan agus dheilbh Bremner dhaibh soitheach a ghluaiseadh 's a chàradh clachan anns an togail. Mu dheireadh ghabh Bremner an t-uallach airson a' phròiseict airson an togail fon uisge.

Tro dhreuchd, thog no rinn Seumas Bremner mòr-chàradh air 18 calachan no laimrigean, agus san fhoillseachadh seo tha e a' toirt seachad iomradh teicnigeach air planadh agus togail nan calachan aig Cèis, Inbhir Ùige, Saircleit agus Inbhir Lòsaidh.

Dh'fhàs Bremner gu math ainmeil cuideachd ann an togail long-bhrisidhean bhon ghrunnd. Tro dhreuchd thog e 236 soitheach gu soirbheachail agus tha an 'Treatise' a' toirt làn fhiosrachadh air na dòighean anns an do rinn e sin. 'S e fear de na h-eisimpleirean a sheall e san ' Treatise' mar a thog e an 'Uncertain', soitheach a bha air a dhol fodha far Rubha Robhanais, Leòdhas, ann an 1841 ann an 11 aitheamh de dhoimhneachd. Dh'fheuch triùir eile an soitheach a thogail, ach cha deach leotha, ach 's e Bremner a rinn a' chùis agus a thug an soitheach gu tanalach far an gabhadh a càradh. Ged nach eil mion-eòlas air san 'Treatise', bha an sàr-phròiseact aige den t-seòrsa seo ann an 1845 nuair a chuir e an 'SS Great Britain' air bhog a-rithist. Bha an soitheach air a dhol air a' ghrunnd ann am Bàgh Dhùn Druim ann an Èirinn, agus 's i an soitheach a bu mhotha a bh' ann aig an àm.

San 'Treatise' cuideachd tha mìneachadh agus dealbhan teicnigeach ann air àireamh de thionnsgalan no rudan ùra a chruthaich Bremner a chuidicheadh ann an togail agus an glanadh chalachan agus rudan a dheilbh e cuideachd airson dinneadh phuist dhan talamh agus airson soithichean a thogail on ghrunnd. Tha an 'Treatise' a' crìochnachadh le grunn theisteanasan air obair agus innleachd Bhremner, air an sgrìobhadh le companaidhean a chleachd obair agus le na co-einnsinearan aige. Tha iad seo a' leigeil fios inntinneach dhuinn air caractar Bhremner agus iomadh duine ga mholadh airson "intrepidity", "activity" agus "perseverance".

Chaidh Seumas Bremner a dhèanamh na Bhall Sgrìobhaidh aig Institiùd nan Innleadairean-togail ann an 1833. Bhàsaich e san Lùnastal 1856, trì mìosan an dèidh bàs a mhnà, Cairistiona Nic na Clèirich, aig an robh e pòsta fad ceathrad 's a còig bliadhna. Chaidh carragh-cuimhne do Bhremner a thogail ann an Inbhir Ùige ann an 1903 agus tha a dhealbh ann an Talla a' Bhaile an sin

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Treatise on the Planning and Constructing of Harbours in Deep Water', le Seumas Bremner, 1845 - Duilleag 44b

1840an

einnseanairean; innleadairean; cala; calachan