Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Snìomh & Figheadaireachd air Feadh an t-Saoghail (8 de 15)
EXTERNAL ID
AB_EXTRAVAGANSEY_12
ÀITE
Bun Ilidh
SGÌRE
Cill Donnan, Loth agus Clìn
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Cill Donnain
DEIT
2010
LINN
2010an
CRUTHADAIR
Norman Kennedy
NEACH-FIOSRACHAIDH
Moray Firth Gansey Project
AITHNEACHADH MAOINE
40897
KEYWORDS
fighe
geansaidhean
ceaird traidiseanta
fighe
snìomh
clòimh
luadh
òran-luaidh

Get Adobe Flash player

'S ann o 'Extravagansey' a tha an earrann-fhuaim seo. 'S e subhachas dà latha a bha seo air geansaidh nan iasgairean, tachartas a chumadh san Ògmhios 2010 ann am Bun Illidh, Cataibh. Air a chur air dòigh le Pròiseact Geansaidh Linne Mhoireibh, am measg nan tachartasan bha luadh a' chlò ann, òrain agus ceòl o bheul-aithris, agus seallaidhean de shnìomh an lìn. 'S e Tormod Ceanadach gu sònraichte a chitheadh ann, fear Albannach a tha ainmeil air feadh an t-saoghail airson seinn is seanchas ann an Gàidhlig 's ann an Albannach, fear a tha cuideachd na phrìomh neach-ceàirde agus na neach-eachdraidh air stuth aodaich.

San earrainn seo tha Tormod a' bruidhinn air na dòighean ann an Seattle air càrdadh, snìomh agus figheadaireachd, agus ann an diofar sgìre de Mhexico. An sin, ged dh'fhaodadh boireannaich a bhith a' càrdadh, chan fhaodadh iad snìomh no figheadaireachd a dhèanamh.

Rugadh Tormod Ceanadach ann an Obar Dheathain ann an teaghlach de luchd-togail nan soithichean agus de sheòladairean marsantach. Dh'ionnsaich e òrain, sgeulachdan agus seanchas o dhaoine san teaghlach agus o nàbaidhean agus thog e cuideachd, nuair a bha e na dheugaire, sgilean aig luchd nam beairt làimhe mu dheireadh a bha san sgìre. Bhiodh e a' siubhal gu tric gu Eilean Bharraigh sna h-eileanan an iar agus dh'ionnsaich e càrdadh, snìomh is fighe na clòimhe a dhèanamh, a' cleachdadh nan seann dòighean, nam measg luadh a' chlò. Thog e cuideachd seann chultar is òrain na Gàidhlig.

Ghluais Tormod do na Stàitean Aonaichte ann an 1966 agus tha e air traidiseanan an t-seinn agus na fighe a chumail suas a-riamh on uair sin. Fad sia bliadhna b' e prìomh fhear na figheadaireachd aig taigh-tasgaidh eachdraidh bheò aig Colonial Williamsburg. Chuir e air chois cuideachd Sgoil Marshfield Figheadaireachd ann am Vermont ann an 1976. Ann an 2003, chaidh duais Caidreabh Dhualchas Nàiseanta on NEA (National Endowment for the Arts) a bhuileachadh air airson a chuid obrach ann an dualchasan òrain Alba agus na beairt-làimhe a chumail beò.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Snìomh & Figheadaireachd air Feadh an t-Saoghail (8 de 15)

CATAIBH: Cill Donnain

2010an

fighe; geansaidhean; ceaird traidiseanta; fighe; snìomh; clòimh; luadh; òran-luaidh

Moray Firth Gansey Project

Norman Kennedy: Handloom Weaver & Traditional Singer