Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Snìomh & Figheadaireachd air Feadh an t-Saoghail (12 de 15)
EXTERNAL ID
AB_EXTRAVAGANSEY_16
ÀITE
Bun Ilidh
SGÌRE
Cill Donnan, Loth agus Clìn
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Cill Donnain
DEIT
2010
LINN
2010an
CRUTHADAIR
Norman Kennedy
NEACH-FIOSRACHAIDH
Moray Firth Gansey Project
AITHNEACHADH MAOINE
40901
KEYWORDS
fighe
geansaidhean
ceaird traidiseanta
fighe
snìomh
clòimh
luadh
òran-luaidh

Get Adobe Flash player

'S ann o 'Extravagansey' a tha an earrann-fhuaim seo. 'S e subhachas dà latha a bha seo air geansaidh nan iasgairean, tachartas a chumadh san Ògmhios 2010 ann am Bun Illidh, Cataibh. Air a chur air dòigh le Pròiseact Geansaidh Linne Mhoireibh, am measg nan tachartasan bha luadh a' chlò ann, òrain agus ceòl o bheul-aithris, agus seallaidhean de shnìomh an lìn. 'S e Tormod Ceanadach gu sònraichte a chitheadh ann, fear Albannach a tha ainmeil air feadh an t-saoghail airson seinn is seanchas ann an Gàidhlig 's ann an Albannach, fear a tha cuideachd na phrìomh neach-ceàirde agus na neach-eachdraidh air stuth aodaich.

San earrainn-fhuaim seo tha Tormod a' bruidhinn air luchd-fighe le snàth agus eilthirich Fair Isle (Eilean nan Caorach). Tha e cuideachd a' bruidhinn air fighe luath - na lùban gach mionaid. Ged is urrainn dha fhèin 30 lùban fhighe gach mionaid, 's urrainn dha bhana-charaid, Hazel Tindall à Sealtainn, 80 lùban gach mionaid a dhèanamh. Choisinn Hazel àrd-dhuais an t-saoghail ann am Minneapolis sa Ghearran 2008 mar an neach as luaithe a dh'fhigheas san t-saoghal. Dh'ionnsaich muinntir Shealtainn fighe air biorain de dh'itean faoileig air an lomadh. Tha e cuideachd a' bruidhinn air figheadairean Spaàinnteach ann am Mexico.

Rugadh Tormod Ceanadach ann an Obar Dheathain ann an teaghlach de luchd-togail nan soithichean agus de sheòladairean marsantach. Dh'ionnsaich e òrain, sgeulachdan agus seanchas o dhaoine san teaghlach agus o nàbaidhean agus thog e cuideachd, nuair a bha e na dheugaire, sgilean aig luchd nam beairt làimhe mu dheireadh a bha san sgìre. Bhiodh e a' siubhal gu tric gu Eilean Bharraigh sna h-eileanan an iar agus dh'ionnsaich e càrdadh, snìomh is fighe na clòimhe a dhèanamh, a' cleachdadh nan seann dòighean, nam measg luadh a' chlò. Thog e cuideachd seann chultar is òrain na Gàidhlig.

Ghluais Tormod do na Stàitean Aonaichte ann an 1966 agus tha e air traidiseanan an t-seinn agus na fighe a chumail suas a-riamh on uair sin. Fad sia bliadhna b' e prìomh fhear na figheadaireachd aig taigh-tasgaidh eachdraidh bheò aig Colonial Williamsburg. Chuir e air chois cuideachd Sgoil Marshfield Figheadaireachd ann am Vermont ann an 1976. Ann an 2003, chaidh duais Caidreabh Dhualchas Nàiseanta on NEA (National Endowment for the Arts) a bhuileachadh air airson a chuid obrach ann an dualchasan òrain Alba agus na beairt-làimhe a chumail beò.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Snìomh & Figheadaireachd air Feadh an t-Saoghail (12 de 15)

CATAIBH: Cill Donnain

2010an

fighe; geansaidhean; ceaird traidiseanta; fighe; snìomh; clòimh; luadh; òran-luaidh

Moray Firth Gansey Project

Norman Kennedy: Handloom Weaver & Traditional Singer