Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bùth-obrach air Alasdair Grannd agus Dòmhnall Riddell (3 de 10)
EXTERNAL ID
AB_GRANT_RIDDELL_WORKSHOP_AUDIOS_03
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
2010
LINN
2010an
CRUTHADAIR
Sarah-Jane Summers & Irene Fraser
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
40907
KEYWORDS
àite obrach
fìdhlean
a' fìdhlearachd
ceòl traidiseanta
claistinneach

Get Adobe Flash player

'S e earrann fuaim a tha seo a chaidh a chlàradh aig bùth-obrach shònraichte mun fhidheall a thachair an 15mh den Ògmhios 2010. 'S e Pròiseact Ceòl Traidiseanta Inbhir Nis a bh' ann agus 's e Comhairle na Gàidhealtachd a chuir air bhonn e ann an co-obrach le Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Ealain Inbhir Nis. Bha obair dithis chliùiteach a rinn fìdhlean agus a chluich orra - Alasdair 'Battan' Grannd agus Dòmhnall Riddell - air a chomharrachadh ann.

Aig a' bhùth-obrach, bhruidhinn Sarah-Jane Summers agus Irene Fhriseal, an dithis nan sgoilearan uaireigin aig Dòmhnall Riddell, mu Ghrannd agus Riddell agus stiùir iad greiseag de chluiche na fìdhle ann am fear de na gailearaidhean aig Taigh-tasgaidh Inbhir Nis. Air a thaisbeanadh ann bha an ionnsramaid annasach a rinn Grannd, an Rondello, fidheall chruinn a sheinneadh nuair a bha e ùr, bhiodh iad ag ràdh, cho soilleir, glan ri guth cuideigin a' seinn.

San earrainn seo tha Sarah-Jane a' bruidhinn air an inneal ùr a dheilbh Alasdair Grannd - slat-iasgaich annasach a bhiodh air chrith, an "Grant Vibration Rod". San dealbh chithear Sarah-Jane (deas) agus Emma Donald (clì) a' gabhail tlachd ann an cluiche nam fìdhlean às dèidh na bùth-obrach.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bùth-obrach air Alasdair Grannd agus Dòmhnall Riddell (3 de 10)

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2010an

àite obrach; fìdhlean; a' fìdhlearachd; ceòl traidiseanta; claistinneach

Am Baile

Am Baile: Grant & Riddell Workshop

'S e earrann fuaim a tha seo a chaidh a chlàradh aig bùth-obrach shònraichte mun fhidheall a thachair an 15mh den Ògmhios 2010. 'S e Pròiseact Ceòl Traidiseanta Inbhir Nis a bh' ann agus 's e Comhairle na Gàidhealtachd a chuir air bhonn e ann an co-obrach le Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Ealain Inbhir Nis. Bha obair dithis chliùiteach a rinn fìdhlean agus a chluich orra - Alasdair 'Battan' Grannd agus Dòmhnall Riddell - air a chomharrachadh ann. <br /> <br /> Aig a' bhùth-obrach, bhruidhinn Sarah-Jane Summers agus Irene Fhriseal, an dithis nan sgoilearan uaireigin aig Dòmhnall Riddell, mu Ghrannd agus Riddell agus stiùir iad greiseag de chluiche na fìdhle ann am fear de na gailearaidhean aig Taigh-tasgaidh Inbhir Nis. Air a thaisbeanadh ann bha an ionnsramaid annasach a rinn Grannd, an Rondello, fidheall chruinn a sheinneadh nuair a bha e ùr, bhiodh iad ag ràdh, cho soilleir, glan ri guth cuideigin a' seinn.<br /> <br /> San earrainn seo tha Sarah-Jane a' bruidhinn air an inneal ùr a dheilbh Alasdair Grannd - slat-iasgaich annasach a bhiodh air chrith, an "Grant Vibration Rod". San dealbh chithear Sarah-Jane (deas) agus Emma Donald (clì) a' gabhail tlachd ann an cluiche nam fìdhlean às dèidh na bùth-obrach.