Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fuadach aig Srath Fleòid, Cataibh
EXTERNAL ID
AB_HIGHLANDERS_ON_THE_MOVE_02
ÀITE
Srath Fleòid
SGÌRE
Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Raoghard
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Mr. J Campbell of Lairg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
40915
KEYWORDS
Lairg Episode
claistinneach
eilthireachd

Get Adobe Flash player

Seo earrann bho litir a sgrìobh Mgr. J. Caimbeul às An Luirg chun a' phàipear-naidheachd an 'Inverness Courier' aig àm nam Fuadaichean. Chunnaic Mgr. Caimbeul daoine air an cur às an dachaighean ann an Srath Fleòid ann an Cataibh. Tha an earrann seo air a leughadh le Ruairidh MacIlleathain.

'Loisg iad an fheadhainn eile; agus b' e an taigh aig a' chroitear seo am fear mu dheireadh. Bha e a' guidhe orra gu dian gum fàgadh iad san taigh e gus am biodh a bhean fallain. Cha tug am bàillidh feart air, ach thug e seachad an t-òrdugh gum biodh an taigh air a losgadh os a chionn. Bha an croitear san taigh, deimhinne nach teicheadh e às gus an cuireadh an teine ruaig air. Dh'inns am bàillidh dhuinn am plana a bhiodh againn - b' e sin, gun gearradh sinn na tarsannan agus gun cuireadh sinn teine ris an tughadh. B' e sin an dearbh rud a rinn sinn, ach cha tèid an sealladh sin às mo chuimhne gu bràth. Chunnaic an duine nach b' urrainn dha seasamh nar n-aghaidh tuilleadh agus phaisg e a bhean ann am plaideachan agus thog e a-mach às an taigh i. Chaidil am boireannach sin dà oidhche ann an leabaidh uain, agus air an treas oidhche, rugadh leanabh dhi. Tha am mac sin, tha e coltach, fhathast beò agus a' fuireach ann an Ameireaga.'

Chaidh an earrann chlaistinn seo a dhèanamh airson pac stòrais nan sgoiltean, 'Gàidheil air Imrich,' a rinn Am Baile airson Tilleadh Dhachaigh 2009.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fuadach aig Srath Fleòid, Cataibh

CATAIBH: Raoghard

2000an

Lairg Episode; claistinneach; eilthireachd

Am Baile

Am Baile: Highlanders on the Move

Seo earrann bho litir a sgrìobh Mgr. J. Caimbeul às An Luirg chun a' phàipear-naidheachd an 'Inverness Courier' aig àm nam Fuadaichean. Chunnaic Mgr. Caimbeul daoine air an cur às an dachaighean ann an Srath Fleòid ann an Cataibh. Tha an earrann seo air a leughadh le Ruairidh MacIlleathain.<br /> <br /> 'Loisg iad an fheadhainn eile; agus b' e an taigh aig a' chroitear seo am fear mu dheireadh. Bha e a' guidhe orra gu dian gum fàgadh iad san taigh e gus am biodh a bhean fallain. Cha tug am bàillidh feart air, ach thug e seachad an t-òrdugh gum biodh an taigh air a losgadh os a chionn. Bha an croitear san taigh, deimhinne nach teicheadh e às gus an cuireadh an teine ruaig air. Dh'inns am bàillidh dhuinn am plana a bhiodh againn - b' e sin, gun gearradh sinn na tarsannan agus gun cuireadh sinn teine ris an tughadh. B' e sin an dearbh rud a rinn sinn, ach cha tèid an sealladh sin às mo chuimhne gu bràth. Chunnaic an duine nach b' urrainn dha seasamh nar n-aghaidh tuilleadh agus phaisg e a bhean ann am plaideachan agus thog e a-mach às an taigh i. Chaidil am boireannach sin dà oidhche ann an leabaidh uain, agus air an treas oidhche, rugadh leanabh dhi. Tha am mac sin, tha e coltach, fhathast beò agus a' fuireach ann an Ameireaga.'<br /> <br /> Chaidh an earrann chlaistinn seo a dhèanamh airson pac stòrais nan sgoiltean, 'Gàidheil air Imrich,' a rinn Am Baile airson Tilleadh Dhachaigh 2009.