Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Earrann bho 'Gloomy Memories' (1)
EXTERNAL ID
AB_HIGHLANDERS_ON_THE_MOVE_04
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Donald Macleod
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
40917
KEYWORDS
Gloomy Memories Audio
claistinneach
eilthireachd

Get Adobe Flash player

Tha an earrann a leanas bho 'Gloomy Memories in the Highlands of Scotland', a chaidh a sgrìohbadh le Dòmhnall MacLeòid aig àm nam Fuadaichean. Nochd 'Gloomy Memories' an toiseach mar shreath de litrichean ann am pàipear-naidheachd ann an Dùn Èideann, 'The Edinburgh Weekly Chronicle'. Tha an earrann seo air a leughadh le Tormod MacArtair.

'Bha fiodh nan taighean ... a' tighinn cha mhòr gu lèir o ghiuthas na boglaich, a tha na dheagh stuth mullaich ach a thèid na theine gu math furasta. ...Ann an imrichean roimhe leigeadh le muinntir an taighe falbh leis an fhiodh seo ach an togadh iad na taighean sna h-ionadan ùra aca, ach a-nis bha dòigh na bu luaithe ga chleachdadh, le bhith a' cur teine ri na taighean. Bha na fir làidir... air falbh a' leantainn a' chruidh ... 's mar sin b' e na daoine a bha a' fulang ann an losgadh nan taighean ... na seann daoine agus daoine a bha tinn, agus na mnathan 's a' chlann. ...Chaidh fiodh, àirneis taighe, agus a h-uile rud eile nach gabhadh togail às sa bhad, a losgadh leis an teine no a sgrios gu buileach.'

Chaidh an earrann chlaistinn seo a dhèanamh airson pac stòrais nan sgoiltean, 'Gàidheil air Imrich,' a rinn Am Baile airson Tilleadh Dhachaigh 2009.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Earrann bho 'Gloomy Memories' (1)

2000an

Gloomy Memories Audio; claistinneach; eilthireachd

Am Baile

Am Baile: Highlanders on the Move

Tha an earrann a leanas bho 'Gloomy Memories in the Highlands of Scotland', a chaidh a sgrìohbadh le Dòmhnall MacLeòid aig àm nam Fuadaichean. Nochd 'Gloomy Memories' an toiseach mar shreath de litrichean ann am pàipear-naidheachd ann an Dùn Èideann, 'The Edinburgh Weekly Chronicle'. Tha an earrann seo air a leughadh le Tormod MacArtair.<br /> <br /> 'Bha fiodh nan taighean ... a' tighinn cha mhòr gu lèir o ghiuthas na boglaich, a tha na dheagh stuth mullaich ach a thèid na theine gu math furasta. ...Ann an imrichean roimhe leigeadh le muinntir an taighe falbh leis an fhiodh seo ach an togadh iad na taighean sna h-ionadan ùra aca, ach a-nis bha dòigh na bu luaithe ga chleachdadh, le bhith a' cur teine ri na taighean. Bha na fir làidir... air falbh a' leantainn a' chruidh ... 's mar sin b' e na daoine a bha a' fulang ann an losgadh nan taighean ... na seann daoine agus daoine a bha tinn, agus na mnathan 's a' chlann. ...Chaidh fiodh, àirneis taighe, agus a h-uile rud eile nach gabhadh togail às sa bhad, a losgadh leis an teine no a sgrios gu buileach.'<br /> <br /> Chaidh an earrann chlaistinn seo a dhèanamh airson pac stòrais nan sgoiltean, 'Gàidheil air Imrich,' a rinn Am Baile airson Tilleadh Dhachaigh 2009.