Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Call eilthirich (1)
EXTERNAL ID
AB_HIGHLANDERS_ON_THE_MOVE_06
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
John Mackinnon
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
40919
KEYWORDS
claistinneach
John of Roag audio
eilthireachd
John of Roag audio

Get Adobe Flash player

Dh'fhàg Iain MacFhionghain agus a bhean Ròdhag, air an Eilean Sgitheanach airson eilthireachd a dhèanamh a dh'Astràilia aig àm a' chiad Gold Rush ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Gu mì-fhortanach, chaill iad an dithis chloinne air an turas mara a dh'Astràilia. Tha an earrann seo air a leughadh le Sarah Fraser.

Seo pìos a' pàipear naidheachd 'Inverness Courier' bho leabhar le duilleagan-eachdraidh a chaidh a chruinneachadh le Seumas Maidment (leabhar.1, d.74). 'S e an leabhar seo pàirt den chruinneachadh fiosrachaidh aig Leabharlann Inbhir Nis.

'A' tilgeil mo dhithis ghillean beaga dhan mhuir. Chan fhaigh mi seachad air a-chaoidh. Bhrist e mo chridhe. Bhàsaich am fear a b' òige leis a' ghiùthraich a' dol seachad air an loidhne agus am fear eile sia latha às a dhèidh is e a' gearan a mhionaich. Bha tòrr bochdainn air bòrd, gu h-àraid am measg na cloinne. Bhàsaich leth cheud 's a trì duine cloinne, dà bhoireannach is pàistean gu bhith aca, agus seòladair. Bha cus dhaoine air bòrd agus cha do chuidich sin cùisean.'

Chaidh an earrann chlaistinn seo a dhèanamh airson pac stòrais nan sgoiltean, 'Gàidheil air Imrich,' a rinn Am Baile airson Tilleadh Dhachaigh 2009.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Call eilthirich (1)

2000an

claistinneach; John of Roag audio; eilthireachd; John of Roag audio;

Am Baile

Am Baile: Highlanders on the Move