Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Choille Ghruamach
EXTERNAL ID
AB_HIGHLANDERS_ON_THE_MOVE_09
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
John Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
40922
KEYWORDS
The Gloomy Woodland
claistinneach
A' Choille Ghruamach
eilthireachd
claistinneach

Get Adobe Flash player

Rugadh am bàrd Iain MacIlleathain (1787-1848) ann an Tiriodh agus rinn e eilthireachd a dhAlba Nuadh ann an 1819. Tha a' phìos bàrdachd aige, 'Am Bàrd an Canada' cuideachd air aithneachadh fon ainm 'A' Choille Ghruamach'. Tha a' bhàrdachd seo ag innse cho cruaidh 's a bha beatha nan eilthireach às a Ghàidhealtachd - cus nas cruaidhe na bha na fir-gnothaich eilthireachd a' leigeil orra. Tha na rannan taghta air an leughadh le Iain MacIlleathain.

A' Choille Ghruamach

'Gu bheil mi 'm ònrachd sa choille ghruamaich,
Mo smaointean luaineach, cha tog mi fonn:
Fhuair mi 'n t-àite seo 'n aghaidh nàdair -
Gun d' thrèig gach tàlanta bha nam cheann.
Cha dèan mi òran a chur air dòigh ann -
Nuair nì mi tòiseachadh bidh mi trom:
Chaill mi a' Ghàidhlig seach mar a b' àbhaist dhomh
Nuair a bha mi san dùthaich thall.

'S i seo an dùthaich 's a bheil an cruadal
Gun fhios do'n t-sluagh a tha tigh'nn a-nall,
Gur h-olc a fhuaras oirnn luchd a bhuairidh
A rinn le'n tuairisgeul ar toirt ann;
Mi nì iad buannachd cha mhair i buan dhaibh,
Cha dèan i suas iad 's chan iongnadh leam,
'S gach mallachd truaghain a bhios 'gan ruagadh
Bho'n chaidh am fuadach a chur fo'n ceann.

Nuair thig an geamhradh is àm na dùbhlachd,
Bidh sneachda 'dlùthadh ri cùl nan geug,
'S gu domhain dùmhail dol thar na glùine,
'S ge maith an triùbhsair cha dèan i feum;
Gun stocain dùbhailt' 's a' mhocais chlùdaich
'Bhios air an dùnadh gu dlùth le éill;
B'e 'm fasan ùr dhuinn a cosg le fionntach
Mar chaidh a rùsgadh de'n bhrùid an dé.

Ge mòr an seanchas a bh'aca an Albainn,
Tha a' chùis a' dearbhadh nach robh e fìor;
Na dolair ghorma chan fhaic mi falbh iad,
Ged bha iad ainmeil a bhith 'san tìr.
Ma nìtear bargain chan fhaighear airgead,
Ged 's éiginn ainmeachadh anns a' phrìs;
Ma gheibheare cùnnradh air feadh nam bùthan
Gu'm pàighear null e le flùr no ìm.'

Chaidh an earrann chlaistinn seo a dhèanamh airson pac stòrais nan sgoiltean, 'Gàidheil air Imrich,' a rinn Am Baile airson Tilleadh Dhachaigh 2009.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Choille Ghruamach

2000an

The Gloomy Woodland; claistinneach; A' Choille Ghruamach; eilthireachd; claistinneach;

Am Baile

Am Baile: Highlanders on the Move