Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Àireamhan eilthirich a dh'fhàg a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan
EXTERNAL ID
AB_HIGHLANDERS_ON_THE_MOVE_11
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
n/a
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
40924
KEYWORDS
Dingwall Academy Audios
eilthireachd
claistinneach

Get Adobe Flash player

'S e stòr-data airson rannsachadh a th' ann an Clàr-innse nam Pàipear-naidheachd aig A' Bhaile. Tha stòiridhean agus aithisgean ann a bha air an sgrìobhadh ann am pàipearan-naidheachd na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Seo eisimpleir no dhà a tha a' sealltainn nan àireamhan mòra de dhaoine a bha ag eilthireachd bhon sgìre seo anns an naoidheamh linn deug. Tha na h-earrainnean air an leughadh le sgoilearan bho Acadamaidh Inbhir Pheofharain.

'Dh'fhàg còig ceud 's a deich duine an t-Eilean Sgitheanach airson Astràilia air a' chòigeamh latha fichead dhen Ògmhios, ochd ceud deug caogad 's a dhà.

Dh'fhàg trì cheud duine Gleann Eilg airson Canada air an t-seachdamh latha deug dhen Iuchar ochd ceud deug, ceathrad 's a naoi.

Dh'fhalbh dà cheud duine à Inbhir Nis a' dèanamh air Astràilia air a' chòigeamh latha dhen t-Sultain, ochd ceud deug, caogad 's a ceithir.

Dh'fhalbh còig ceud neach à Eilean Leòdhais air an an aonamh latha fichead dhen Iuchar, ochd ceud deug seasgad 's a trì a' dèanamh air Canada agus Astràilia.

Dh'fhalbh trì cheud duine à Loch Aillse airson Ameireaga air an treas latha dhen Iuchar ochd ceud deug, ceathrad 's a naoi.

Dh'fhàg sia ceud fichead 's a h-aon duine Cromba airson Quebec air an ochdamh latha deug dhen Ògmhios ochd ceud deug 's a trithead.

Dh'fhàg seachdad 's a dhà Loch Bhraoin air a' chiad latha dhen
t-Samhain ochd ceud deug caogad 's a dhà a' dèanamh air Astràilia.

Dh'fhalbh dà cheud, ceathrad 's a ceithir duine à Inbhir Theòrsa airson Pictou agus Quebec air a' chòigeamh latha fichead dhen Ògmhios ochd ceud deug ceathrad 's a h-aon.

Dh'fhalbh dà cheud 's a còig deug neach à Geàrrloch air a' chòigeamh latha deag dhen Iuchar ochd ceud deug ceathrad 's a dhà a' dèanamh air Ceap Bhreatainn.'

Chaidh an earrann chlaistinn seo a dhèanamh airson pac stòrais nan sgoiltean, 'Gàidheil air Imrich,' a rinn Am Baile airson Tilleadh Dhachaigh 2009.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Àireamhan eilthirich a dh'fhàg a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan

2000an

Dingwall Academy Audios; eilthireachd; claistinneach

Am Baile

Am Baile: Highlanders on the Move