Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Comhairle do dh'Eilthirich (2)
EXTERNAL ID
AB_HIGHLANDERS_ON_THE_MOVE_19
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Robert MacDougall
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
40932
KEYWORDS
claistinneach
eilthireachd

Get Adobe Flash player

Ann a bhith ag ullachadh airson am beatha ùr thall thairis, cheannaich eilthirich leabhraichean-iùil. Chaidh "Ceann-iùil an fhir-imrich do dh'Ameireaga mu thuath" fhoillseachadh ann an ochd ceud deug ceathrad 's a h-aon. Chaidh aig an ùghdar, Raibeart MacDhùghaill, air innse mar a thachair dhà fhèin nuair a ghluais e gu ceann a tuath Chanada. Thug e seachad comhairle luachmhor agus fiosrachadh a bhiodh feumail do dh'eiltheiich.

Tha an earrann seo air a leughadh le Ruairidh MacIlleathain.

' ... agus faodaidh duine sam bith nach robh riamh air falbh bho Alba, bruidhinn, leughadh, smaointinn no bhith ag aisling mun fhuachd gus an liath e, ach fhad 's is beò e, cha tuig e ri mhaireann cho fuar 's a tha Canada, gus am fairich e fhèin e, no fuachd ann an àite eile coltach ris. Tha mo chluasan air am fuachd seo fhaireachdainn, ach chan eil facail agam airson cho cruaidh 's a tha e. Chan eil facail ann an Gàidhlig a dh'innseas cho fuar 's a tha e agus mar sin tha mi glè chinnteach nach eil ann an cànan sam bith eile nas motha.'

Chaidh an earrann chlaistinn seo a dhèanamh airson pac stòrais nan sgoiltean, 'Gàidheil air Imrich,' a rinn Am Baile airson Tilleadh Dhachaigh 2009.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Comhairle do dh'Eilthirich (2)

2000an

claistinneach; eilthireachd;

Am Baile

Am Baile: Highlanders on the Move