Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aithisg Eilthirich mu Lorg an Òir ann an Astràilia
EXTERNAL ID
AB_HIGHLANDERS_ON_THE_MOVE_23
ÀITE
Astràilia
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
John Mackinnon
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
40936
KEYWORDS
claistinneach
eilthireachd

Get Adobe Flash player

Dh'fhàg Iain MacFhionghain agus a bhean Ròdhag, air an Eilean Sgitheanach airson eilthireachd a dhèanamh a dh'Astràilia aig àm a' chiad Gold Rush ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Seo earrann bho litir a sgrìobh e dhachaigh.

Seo pìos a' pàipear naidheachd 'Inverness Courier' bho leabhar le duilleagan-eachdraidh a chaidh a chruinneachadh le Seumas Maidment (leabhar.1, d.74). 'S e an leabhar seo pàirt den chruinneachadh fiosrachaidh aig Leabharlann Inbhir Nis.

Tha an earrann seo air a leughadh le Gilleasbuig Fearghasdan.

'A-nis Alasdair, chan inns mi breug dhut. Gu dearbha cha dèan mi sin. Mus tàinig mi, bha mi air deagh rudan a chluinntinn mu Astràilia, ach feumaidh mi aideachadh nach do chreid mi iad gus am faca mi an t-àite le mo shùilean fhèin. A-nis tha mi a' saoilsinn barrachd dhen àite. Tha pìosan dheth gu math gorm agus pìosan eile tiugh le craobhan. Tha mi a' smaointinn gur e seo am baile as beartaiche dhe mheudachd san t-saoghal. Cha chluinn thu ach òr, òr, òr... tha fichead not agam nam phòcaid a-nochd, às dèidh dhomh na bh' agam ri phàigheadh. 'S dòcha gu bheil sin ag innse dhut de seòrsa àite a tha seo. Saoil dè cho fada 's a bhithinn san Eilean Sgitheanach mus biodh a leithid agam?'

Chaidh an earrann chlaistinn seo a dhèanamh airson pac stòrais nan sgoiltean, 'Gàidheil air Imrich,' a rinn Am Baile airson Tilleadh Dhachaigh 2009.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aithisg Eilthirich mu Lorg an Òir ann an Astràilia

2000an

claistinneach; eilthireachd;

Am Baile

Am Baile: Highlanders on the Move