- TIOTAL
- Aithisg Eilthirich mu Bheatha ann an Astràilia (1)
- EXTERNAL ID
- AB_HIGHLANDERS_ON_THE_MOVE_29
- ÀITE
- Astràilia
- DEIT
- 2009
- LINN
- 2000an
- CRUTHADAIR
- Inverness Courier
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Am Baile
- AITHNEACHADH MAOINE
- 40942
- KEYWORDS
- claistinneach
eilthireachd
Seo pìos a' pàipear naidheachd 'Inverness Courier' bho leabhar le duilleagan-eachdraidh a chaidh a chruinneachadh le Seumas Maidment (leabhar.1, d.74). 'S e an leabhar seo pàirt den chruinneachadh fiosrachaidh aig Leabharlann Inbhir Nis.
Seo earrann bho litir a sgrìobh Mairead NicLeòid à Melbourne, Astràilia gu a bràthair agus a piuthar aig an dachaigh san Eilean Sgitheanach.
Tha an earrann seo air a leughadh le Morag NicNèill.
'Tha Ruairidh ag obair ann an ceàrdaich anns a' bhaile agus a' faighinn trì notaichean agus sia tastain gach seachdain; tha Dòmhnall ag obair ann am bùth liomainèid agus tha esan a' faighinn trì notaichean san t-seachdain; tha Aonghas ag obair ann an taigh-seinnse agus a' faighinn not agus còig tastain gach seachdain agus a bhiadh a bharrachd air a sin. Tha obair gu leòr an seo dhan h-uile duine a tha ag iarraidh obair.'
Chaidh an earrann chlaistinn seo a dhèanamh airson pac stòrais nan sgoiltean, 'Gàidheil air Imrich,' a rinn Am Baile airson Tilleadh Dhachaigh 2009.