Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Earrann bho 'Gloomy Memories' (2)
EXTERNAL ID
AB_HIGHLANDERS_ON_THE_MOVE_33
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Donald Macleod
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
40946
KEYWORDS
claistinneach
eilthireachd

Get Adobe Flash player

Tha an earrann a leanas bho 'Gloomy Memories in the Highlands of Scotland', a chaidh a sgrìohbadh le Dòmhnall MacLeòid aig àm nam Fuadaichean. Nochd 'Gloomy Memories' an toiseach mar shreath de litrichean ann am pàipear-naidheachd ann an Dùn Èideann, 'The Edinburgh Weekly Chronicle'. Tha an earrann seo air a leughadh le DJ Mac an t-Saoir.

'Bha mi an làthair nuair a chaidh an taigh aig Uilleam Siosal a tharraing sìos 's a losgadh ... taigh anns an robh màthair a mhnà na laighe ... boireannach aosta nach èireadh às a leabaidh 's a bha faisg air ceud bliadhna a dh'aois ... Leig mi fios gu na daoine a bha an impis teine a chur ris an taigh an staid anns an robh a' chailleach agus thug mi orra fuireach gus an tigeadh Mgr Sellar. Nuair a nochd e fhèin dh' inns mi dha mun chaillich bhochd... Fhreagair e, 'Mo mhallachd oirre, an seann shlìog, tha i air a bhith beò ro fhada; leig leatha losgadh.' Anns a' mhionaid chaidh teine a chur ris an taigh agus bha na plaideachan 's an deach a giùlan a-mach nan lasairean mus d' fhuaireadh a' chailleach a-mach às an taigh ... Nochd a nighean fhad 's a bha an taigh na theine agus chuidich i na nàbaidhean a' faighinn a màthar a-mach às a' cheò 's às na lasairean, a' dèanamh dealbh iargalt nach tèid às mo chuimhne gu bràth, ach nach urrainn dhomh a chur ann am facail. Bhàsaich i taobh a-staigh còig làithean.'

Chaidh an earrann chlaistinn seo a dhèanamh airson pac stòrais nan sgoiltean, 'Gàidheil air Imrich,' a rinn Am Baile airson Tilleadh Dhachaigh 2009.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Earrann bho 'Gloomy Memories' (2)

2000an

claistinneach; eilthireachd;

Am Baile

Am Baile: Highlanders on the Move

Tha an earrann a leanas bho 'Gloomy Memories in the Highlands of Scotland', a chaidh a sgrìohbadh le Dòmhnall MacLeòid aig àm nam Fuadaichean. Nochd 'Gloomy Memories' an toiseach mar shreath de litrichean ann am pàipear-naidheachd ann an Dùn Èideann, 'The Edinburgh Weekly Chronicle'. Tha an earrann seo air a leughadh le DJ Mac an t-Saoir.<br /> <br /> 'Bha mi an làthair nuair a chaidh an taigh aig Uilleam Siosal a tharraing sìos 's a losgadh ... taigh anns an robh màthair a mhnà na laighe ... boireannach aosta nach èireadh às a leabaidh 's a bha faisg air ceud bliadhna a dh'aois ... Leig mi fios gu na daoine a bha an impis teine a chur ris an taigh an staid anns an robh a' chailleach agus thug mi orra fuireach gus an tigeadh Mgr Sellar. Nuair a nochd e fhèin dh' inns mi dha mun chaillich bhochd... Fhreagair e, 'Mo mhallachd oirre, an seann shlìog, tha i air a bhith beò ro fhada; leig leatha losgadh.' Anns a' mhionaid chaidh teine a chur ris an taigh agus bha na plaideachan 's an deach a giùlan a-mach nan lasairean mus d' fhuaireadh a' chailleach a-mach às an taigh ... Nochd a nighean fhad 's a bha an taigh na theine agus chuidich i na nàbaidhean a' faighinn a màthar a-mach às a' cheò 's às na lasairean, a' dèanamh dealbh iargalt nach tèid às mo chuimhne gu bràth, ach nach urrainn dhomh a chur ann am facail. Bhàsaich i taobh a-staigh còig làithean.'<br /> <br /> Chaidh an earrann chlaistinn seo a dhèanamh airson pac stòrais nan sgoiltean, 'Gàidheil air Imrich,' a rinn Am Baile airson Tilleadh Dhachaigh 2009.