Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Soraidh le Eilean a' Cheò
EXTERNAL ID
AB_LL_MAIRI_MHOR_02
ÀITE
Sgeabost
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Snìothasort
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Màiri Mhòr
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
40979
KEYWORDS
bàrdachd
bàird
òrain
claistinneach
cruthan-tìre litreachais
Soraidh le Eilean a' Cheò

Get Adobe Flash player

Chaidh 'Soraidh le eilean a cheò' a sgriobhadh leis a' bhana-bhard on Eilean Sgitheanach, Màiri Mhòr nan Òran. Tha e air a sheinn an seo le Fiona J NicCoinnich, an tè a bha roimhe (2002-09) na Caidriche Màiri Mhòir Òrain Ghàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd.

Soraidh le Eilean a' Cheò

Soraidh leis an ait' an d'fhuair mi m'àrach òg
Eilean nam beann àrda far an tàmh an ceò
Air a moch a dh'èireas grian nan speur fo ròs
A' fuadach a neul na h-oidhche
Soillseachadh an Stòrr

Cur m'aghaidh ri Glaschu b'airtneulach mo cheum
Cur mo chùl ri càirdean nochd am bàidh cho treun
Ghluais ar buadhan nàdair ann an gràdh dha chèil'
Shruth mo dheoir a mhàin is dh'fhàillnich guth mo bhèil

Seallaidhean bu bhrèagha riamh chan fhaca sùil
Sprèidh a mach gam feurach madainn ghrianach chiùin
'N uiseag air a sgiath seinn gun fhiamh a ciùil
'S an ceò mu cheann Beinn Tianabhaig
Is an sliabh fo dhriùchd.

Seinnibh gach fear -ciùil
Le mùirn a dhachaigh fhèin
'S cumaibh suas a cliù
Ma bhios ur cùrsa rèidh
Ach cha ghabh sinn mùiseag
Os ur cionn gu lèir
Nach eil spot as cùbhr'
Air an laigh driùchd o nèamh.

Bho aois leth-cheud bliadhna, bha Màiri Mhòr nan Òran, tè a Sgeabost san Eilean Sgitheanach, a' sgrìobhadh iomadh òran mu eilthireachd, mu mholadh is mu dhòchas, a bharrachd air òrain a' togail fianais an aghaidh dòigh làimhseachaidh nan Gàidheal. Rugadh i leis an ainm Màiri NicDhòmhnaill ann an 1821 agus dh'fhàg i an t-Eilean, a' falbh a dh'Inbhir Nis ann an 1847 ach am pòsadh i Ìsaac Mac a' Phearsain. Nuair a bhàsaich esan ann an 1871, dh'fhàgadh Màiri na bantraich le coignear chloinne, agus b' ann nuair a chaidh a prìosanachadh treiseag ann an 1872, air casaid gun d' rinn i beagan goid, a thòisich i a' sgrìobhadh bàrdachd, a' gearan nach robh i idir ciontach agus ag innse sna rannan Gàidhlig aice cho feargach 's a bha i.

Nuair a chaidh a leigeil mu sgaoil, ghluais Màiri a Ghlaschu agus rinn i trèanadh gus am biodh i na niorsa. Bhiodh i a' dol gu cèilidhean aig na Comainn Ghàidhealach, a' coinneachadh ris na prìomh dhaoine a bha a' guidhe airson Ath-leasachadh an Fhearainn sa Ghàidhealtachd. Nuair a thill i dhan Eilean Sgitheanach sna 1880an chaidh a dèanamh na bàrd do Cho-bhann an Fhearainn. Ann an 1891 chaidh 'Gaelic Songs and Poems' fhoillseachadh, air an cur ann an sgrìobhadh bhon aithris aig Màiri. .

An dèidh tinneas ghoirid, bhàsaich Màiri an 8mh den t-Samhainn 1898 nuair a bha i a' tadhal ann am Port Rìgh. Chaidh a tìodhlacadh ann an cladh Gàrradh a' Chaibeil ann an Inbhir Nis, far an deach carragh-cuimhne a thogail dhi le Teàrlach Friseal Mac an Tòisich BP. Ann an 2002 stèidhich Comhairle na Gàidhealtachd Caidreabh Màiri Mhòr nan Òran airson a cuimhneachadh, caidreabh airson seinn sa Ghàidhlig a leasachadh agus a bhrosnachadh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Soraidh le Eilean a' Cheò

INBHIR NIS: Snìothasort

2000an

bàrdachd; bàird; òrain; claistinneach; cruthan-tìre litreachais; Soraidh le Eilean a' Cheò

Am Baile

Literary Landscapes: Màiri Mhòr nan Òran